Looking for more in Writing and Authors or Applying for the New Writers Awards?
Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra
Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2023 a-nis fosgailte do thagraidhean

Ceann-latha: 12f, Diciadain 13 Iuchar 2022
Tha e an-asgaidh cur a-steach airson nan duaisean agus gheibhte cosgaisean siubhail gu lèir air ais. Thèid an luchd-buannachaidh a thaghadh le pannail de bhritheamhan. Is mathaid gum faodadh taic a bharrachd a bhith ann do luchd-buannachaidh air a bheil bacaidhean a thaobh a bhith a' gabhail pàirt.
Bidh na Duaisean a' ruith eadar Am Faoilleach 2023 agus Am Faoilleach 2024. Gheibh an luchd-buannachaidh:
- Duais luach £2,000 an urra, mar thaic airson an cuid sgrìobhaidh mar is iomchaidh dhaibh
- Taic leasachaidh cruthachail fa leth, mar eisimpleir, stiùireadh bho sgrìobhadair stèidhichte no eòlaiche eile
- Trèanadh ann am margaidheachd, na meadhanan sòisealta agus sgilean taisbeanaidh
- Cothrom an cuid obrach a leughadh aig taisbeanadh do luchd-foillseachaidh
- Seachdain aig ionad-sgrìobhaidh, far am bi ùine, farsaingeachd agus saorsa airson obair ùr a chruthachadh (a rèir riaghailtean aig an àm)
- Ballrachd an-asgaidh fad bliadhna aig Comann nan Sgrìobhadairean agus seisean trèanaidh a thaobh chùmhnantan agus chòraichean.
- Àite an-asgaidh air cùrsa 3-latha airson sgilean deasachaidh Gàidhlig le teisteanas bho Oilthigh Caledonian Ghlaschu.
Aig toiseach gnothaich, bidh trì mìosan aig na Sgrìobhadairean Ùra airson an cuid sgrìobhaidh ullachadh mus coinnich iad ri riochdairean bho Urras Leabhraichean na h-Alba agus bho Chomhairle nan Leabhraichean airson beachdachadh air an taic leasachaidh proifeiseanta a fhreagras orrasan gu pearsanta agus air a' phròiseact aca.
Thèid Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra air adhart ann an 2023 ma gheibh Urras Leabhraichean na h-Alba am maoineachadh a tha a dhìth orra airson an sgeama a ruith. Thèid an t-seachdain-sgrìobhaidh air adhart a rèir riaghailtean agus stiùireadh air siubhal a rèir an t-suidheachaidh aig an àm.
Slatan-tomhais airidheachd
Faodaidh sibh tagradh a chur a-steach ma tha sibh a' coileanadh nan slatan-tomhais a leanas:
- 18 bliadhna no nas sine
- Stèidhichte ann an Alba fad rè na duaise
- Miann làidir agibh adhartas a dhèanamh ann a bhith a' leasachadh ur cuid sgrìobhaidh anns a' Ghàidhlig
- Gun nobhail, leabhar de rosg neo-fhicsean (m.e. (fèin-)eachdraidh-beatha no sgrìobhadh siubhail) no cruinneachadh de sgeulachdan goirid no bàrdachd, no nobhail ghrafaigeach leibh air fhoillseachadh (thèid beachdachadh air teacsa às aonais dhealbhan). Ach, ma 's ann a-mhàin tro fèin-fhoillseachadh, no foillseachadh didseatach, no ann an leabhran a nochd ur cuid sgrìobhaidh, faodaidh sibh tagradh a chur a-steach. Ma 's ann a-mhàin ann an duanaire no iris no ann an leabhar sgoilearachd (m.e. pàipearan rannsachaidh, iris acadaimigeach, leabhar teagaisg) a nochd ur n-obair, faodaidh sibh fhathast tagradh a chur a-steach
Chan eil e ceadaichte dhuibh tagradh a chur a-steach ma tha gin dhe na puingean gu h-ìseal a' freagairt oirbh:
- Tha sibh mar-thà air Bursaraidh Sgrìobhaidh Chomhairle nan Ealain no aon de Dhuaisean nan Sgrìobhadairean Ùra (Gàidhlig no Beurla no Albais), Duais Callan Gordon no Duais an Ath Chaibideil a chosnadh.
- Tha sibh mar-thà air duais eile a chosnadh tro Urras Leabhraichean na h-Alba no Alba Chruthachail, no air taic-airgid eile fhaighinn bho Chomhairle nan Leabhraichean airson ur leasachadh mar sgrìobhadair.
Tha sibh an dùil a bhith an sàs ann an cùrsa foghlaim làn-ùine no pàirt-ùine rè ùine an sgeama (Faoilleach 2023 – Faoilleach 2024). Tha cùrsaichean goirid no clasaichean oidhche ceadaichte. Mas e oileanach eadar-nàiseanta a th' annaibh a tha ann an Alba air cùrsa le teirm-stèidhichte, faodaidh sibh cur a-steach ma tha sibh gu bhith ann an Alba rè ùine an sgeama.
- 'S e sgrìobhadair a th' annaibh a tha clàraichte air stòr-dàta Urras Leabhraichean na h-Alba airson Live Literature. Faodaidh luchd-ealain agus sgeulaichean clàraichte air an stòr-dàta tagradh a chur a-steach airson taic le sgrìobhadh ma tha iad a' coileanadh nan slatan-tomhais.
- Tha aonta foillseachaidh agaibh mar-thà bho foillsichear. Ma bhios àite air sgeama Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra air a thabhann dhuibh, thèid iarraidh oirbh daingneachadh nach eil aonta foillseachaidh sam bith agaibh.
- Tha nobhail, leabhar neo-fhicsean (m.e. eachdraidh-beatha), cruinneachadh de sgeulachdan goirid no bàrdachd, no nobhail ghrafaig agaibh ann an clò. Mas e seo an suidheachadh agaibh, seallaibh air a' Chompanas Las.(this will open in a new window)
- Tha miann agaibh obrachadh gu sònraichte air deilbh-chluich no dràma airson telebhisean/rèidio.
- Tha sibh nur ball de luchd-obrach Urras Leabhraichean na h-Alba no Chomhairle nan Leabhraichean.
Le bhith a' cur a-steach tagradh, tha sibh a' daingneachadh gu bheil sibh a' coileanadh nan slatan-tomhais gu h-àrd. Thèid neach sam bith nach eil a' coileanadh nan slatan-tomhais a meas neo-airidh is dh'fhaodar iarraidh orra an duais a thilleadh no tagradh a tharraing às.
Ceistean sam bith? Cuiribh post-d gu alison@gaelicbooks.org(this will open in a new window).
A' cur a-steach tagradh
- Leughaibh slatan-tomhais na h-airidheachd gu h-àrd gu cùramach.
- Lìonaibh Clàr-iarrtais Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2023, a' gabhail fa-near an stiùireadh na chois.
- Cuiribh a-steach eisimpleir de sgrìobhadh ficsean/neo-fhicsean no bàrdachd – na cuiribh measgachadh dhen dà sheòrsa. Bu chòir eisimpleir a chur a-steach dhen t-seòrsa sgrìobhaidh dham biodh sibh ag iarraidh taic nam faigheadh sibh duais.
- 'S e sgrìobhadh mac-meanmnach no tionnsgalach a th' ann am ficsean, a' gabhail a-steach sgeulachdan goirid agus nobhailean.
- Tha rosg neo-fhicsean sgrìobhte ann an stoidhle coltach ri ficsean ach air a chleachdadh airson sgeulachdan fìrinneach innse, m.e. cuimhneachan, cunntas siubhail agus sgeul-beatha. Chan eil seo idir a' gabhail a-steach leabhraichean teagaisg, leabhraichean-iùil no cunntasan eachdraidheil neo-fhicsean àbhaisteach.
Airson ficsean/neo-fhicsean, bu chòir na leanas a bhith an cois do thagradh:
- Eisimpleir sgrìobhaidh (sa Ghàidhlig a-mhàin). Faodaidh seo a bhith air a tharraing bho sgeulachdan goirid no pìos sgrìobhaidh (nobhail no rosg) nas fhaide. (Suas ri 3,500 facal.)
- Ma tha an t-eisimpleir air a thoirt bho pìos sgrìobhaidh nas fhaide, cuiribh geàrr-iomradh na chois. (Suas ri 500 facal.)
- Cleachdaibh clò Arial, meud 12, le beàrnan dùbailte. Feumaidh àireamhan a bhith air a h-uile duilleag, cuide ri ur n-ainm-pinn (chan e ur n-ainm fìor).
- Cha bhithear a' cleachdadh ur n-ainm-pinn ach a-mhàin airson ainmean an luchd-tagraidh a chumail dìomhair anns an fharpais seo aig àm-measaidh a-mhàin.
Airson bàrdachd, bu chòir na leanas a bhith an cois ur tagraidh:
- Eisimpleir sgrìobhaidh (sa Ghàidhlig a-mhàin). Faodaidh seo ruith gu suas ri 10 pìosan bàrdachd, gun a bhith nas fhaide na 12 duilleagan uile-gu-lèir.
- Cleachdaibh clò Arial, meud 12, le beàrnan singilte. Feumaidh àireamhan a bhith air a h-uile duilleag, cuide ri ur n-ainm-pinn (chan e ur n-ainm fìor).
- Cha bhithear a' cleachdadh ur n-ainm-pinn ach a-mhàin airson ainmean an luchd-tagraidh a chumail dìomhair anns an fharpais seo aig àm-measaidh a-mhàin.
Measadh
Thèid tagraidhean a mheasadh le pannal air a tharraing bho riochdairean Bhòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean. Airson cothromachd aig ìre mheasaidh, bidh ainmean nan tagraichean air fad air an cumail dìomhair bhon phannal – chan fhaic iad ach na h-ainmean-pinn a thagh na tagraichean. Gheibh tagraichean fios mu co-dhùnadh a' phannail ro dheireadh na Dùbhlachd 2022 aig a' char as anmoiche.
Tagraidhean
Bu chòir tagraidhean a chur air post-d gu: alison@gaelicbooks.org(this will open in a new window) le 'Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra' agus ur n-ainm mar chuspair a' phuist-d. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro 12f, Diciadain 13 Iuchar 2022.