Looking for more in Writing and Authors or Ignite Fellowship?

Cuir tagradh a-steach: Comhaltachd Las (Ignite)

Tha tagraidhean airson Comhaltachd Las 2024 fosgailte gu Diciadain 18 an t-Sultain.

Laptop, notepad and pen, mobile phone and coffee mug on desk

Tha tagraidhean airson Comhaltachd Las 2024 fosgailte gu Diciadain 18 an t-Sultain. Leugh na slatan-tomhais gu h-ìosal mus cuir thu a steach an tagradh agad.

Cuir tagradh a-steach

Tagraidhean

Cuir do thagradh a-steach air post-d gu [email protected](this link will open in a new window) le 'Comhaltachd Ignite 2024: D' ainm' san loidhne cuspair.

Ceann-ama: ro mheadhan-latha, Diciadain 18 an t-Sultain 2024.

Cha tèid beachdachadh air tagraidhean a gheibhear às dèidh a’ chinn-ama.

Bidh feum agad air an fhiosrachadh gu h-ìosal a thoirt dhuinn (faodaidh tu do thagradh a shàbhaladh uair sam bith):

Ma tha ceistean sam bith agad, cuir post-d gu [email protected].(this link will open in a new window)

Slatan-tomhais

Tha Duais Las a' cur taic ri sgrìobhadair stèidhichte a tha a' tòiseachadh no ag obair air pròiseact cudromach. Faodaidh tu tagradh a chur a-steach, ma tha thu:

Tha thu di-beathte tagradh a chur a-steach ma tha thu air taic fhaotainn bho Urras Leabhraichean na h-Alba no Comhairle nan Leabhraichean roimhe, a' gabhail a steach Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra.

Chan urrainn dhut duais Las fhaotainn ma tha thu a' faotainn maoineachadh don phròiseact mar-thà bho Alba Chruthachail.

Pannal breithneachaidh

Bidh buill Comataidh nan Tabhartas, Comhairle nan Leabhraichean, a' toirt sùil air tagraidhean a gheibh iad bho Urras Leabhraichean na h-Alba (bidh Urras Leabhraichean na h-Alba a' coimhead orra an toiseach).