Looking for more in Writing and Authors or New Writers Awards?

New Writer 2022: Shelagh Campbell

Gaelic Fiction

'S ann à Glaschu a tha Shelagh agus bidh i a' sgrìobhadh leabhraichean ficsean do chloinn agus do dh'inbhich sa Ghàidhlig. Thòisich i ag ionnsachadh na Gàidhlig ann an 2005 agus thòisich i a' sgrìobhadh sa chànan cho luath 's a bha e comasach dhi dà seantans a chur ri chèile.

Bhuannaich i Duais Litreachais airson làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte as fheàrr do chloinn ann an 2020 agus chaidh an sgrìobhadh aice fhoillseachadh san iris Northwords Now. Bidh i a' stiùireadh seiseanan leughadh co-roinnte agus sgrìobhadh cruthachail sa Ghàidhlig gach mìos tro Open Book.

Tha i ag obair air nobhail eucoir stèidhichte ann an Cill Rìmhinn an-dràsta agus tha i taingeil gum faigh i cothrom a cuid sgrìobhaidh a leasachadh tron duais seo.

__

Shelagh is from Glasgow and writes fiction for adults and children in Gaelic. She started learning Gaelic in 2005 and began writing in the language a couple of years later, once she was able to string two sentences together.

In 2020 she won a Gaelic Literature Award for Best Unpublished Manuscript for Children and her work has appeared in Northwords Now magazine. She runs monthly Gaelic reading and creative writing sessions through Open Book.

She is currently working on a crime novel set in St Andrews and is looking forward to developing her writing over the coming year.

Writing sample

Rinn Ciara fiamh-ghàire lapach fon phlaide agus chuir i a làmh air glùn Amy nuair a shuidh i ri a taobh. Rinn Amy fiamh-ghàire sgìth agus bhrùth i 'Cluich'. Crimewatch an àite Corrie – abair oidhche.

Bha am boireannach air an sgrion na seasamh air a' chidhe ann an Cill Rìmhinn. Bha a' ghrian a' deàrrsadh air a cùlaibh agus bha oileanaich is teaghlaichean a' coiseachd seachad oirre.

"Chaidh nighean òg, Joni Dawson, air chall faisg air Cill Rìmhinn o chionn còig bliadhna deug."

Dh'fhairich Amy gun robh a cridhe a' bualadh na bu luaithe. Thug i sùil air Ciara, ach b' ann ris an sgrion a bha na sùilean aicese glacte, is iad cho mòr ri truinnsearan.

"Bha Joni ann an Alba fad seachdain mus deach i air chall, is i a' coiseachd air Slighe Chladach Fìobha. Bha i air àite-fuirich a chur air dòigh ann an Cill Rìmhinn, ach cha do ràinig i am baile.

"Bidh Anndra Dawson, bràthair Joni, ann am Fìobha an ath sheachdain, is esan an dòchas gun tig cuideigin air adhart le fiosrachadh mu na thachair dhi.

"An robh thusa air Slighe Chladach Fìobha san Ògmhios 2004? An do thachair thu ri Joni Dawson?"

Cha chuala Amy facal eile. Bha fuaim àrd, bhiorach na cluasan agus bha dragh oirre gun robh i a' dol a chur a-mach. Bha an dealbh air an sgrion loisgte na h-inntinn. Nighean òg, brèagha – coltas oirre gun robh i air a bhith a' siubhail airson greis, is briogais khaki, bòtannan mòra is màileid-droma oirre... agus bràiste.

Bràiste eireachdail air an robh pàtrain annasach: duilleagan, craobhan is flùraichean neo-àbhaisteach; cho mionaideach 's gun tigeadh iad beò nuair a ghluaiseadh a' bhràiste.

Bràiste a bha a-nis air seacaid Amy. Bràiste air an d'fhuair i lorg air Slighe Chladach Fìobha san Ògmhios 2004.

Shelagh says:

'Tha mi cho taingeil gu bheil mi air an duais seo fhaighinn. Chan eil e furasta do sgrìobhadair ùr eòlas fhaighinn air an t-slighe air adhart, agus tha mi fortanach gu bheil iomadh buannachd agus cothrom an lùib a' phrògraim seo.'

__

'I am so grateful to have received this award. It can be very difficult to know how to get started as a new writer and the development opportunities included in this year-long programme are incredibly exciting.'