Looking for all Articles by Nyla Ahmad?

Mar a nì sinn subhachas – moladh sgrìobhaidh

Language: Gaelic
Genre: Inspiration
Topics: Gaelic

Last updated: 14 June 2021

Ged a dh’fhaodadh na dòighean sa bheil sinn a’ dèanamh subhachas a bhith a’ coimhead diofraichte an-dràsta, tha dòighean ann fhathast sam faod sinn roinn ann an subhachas.

Eadar gur e deas-ghnàth beag a th’ ann an dèidh obair mhath a dhèanamh no pàrtaidh mòr nuair a ruigeas sinn clach-mhìle, tha ar dòigh fhìn againn uile air sin a chomharrachadh. Tha an eacarsaich sgrìobhaidh seo na dhòigh air do mhodhan subhachais fhèin a sgrìobhadh sìos ann an sgrìobhadh obrachail. Is e sgrìobhadh obrachail sgrìobhadh aig a bheil adhbhar dèanadach, leithid reasabaidhean, sanasan no leabhrain-làimhe stiùiridh.

Dh’fhaodadh am pìos agad a bhith mar liosta de ghnìomhan ri dhèanamh a bhios tu a’ dèanamh ron an t-subhachas, mapa de na h-àiteachan uile a chomharraich thu no reasabaidh a’ gabhail nota de na grìtheidean a dh’fheumar airson comharrachadh san dòigh agadsa. Ge ’r bith dè an dòigh san dèan thu subhachas, bu mhath leinn cluinntinn mu dheidhinn.

Blàthachadh: Nithean

Coimhead ris an fharsaingeachd mun cuairt ort, agus beachdaich air na nithean a tha thu a’ faicinn. Smaoinich air adhbhar nan nithean sin. Carson a bhios tu gan cleachdadh? Nuair a bhios tu deiseil, sgrìobh liosta de 10 nithean agus dèan nota de na feuman aca. Faodaidh tu seo a dhèanamh ann an dòigh gu tur dèanadach no cuir beagan pearsantachd ris na nithean. Nuair a tha thu air liosta a dhèanamh de na 10 nithean agus an obraichean, smaoinich air obair nithean nach eil faisg ort an-dràsta. Sgrìobh 5 nithean eile agus an adhbharan.

Mar eisimpleir:

Peann – airson sgeulachd mhath a sgrìobhadh.

Cupan teatha – airson òl nuair nach urrainn dhomh smaoineachadh air cuspair sgrìobhaidh.

Dian-lorg: Subhachas mothachail

Smaoinich air mòmaid nad bheatha a bha airidh air subhachas. Dh’fhaodadh seo a bhith cho sìmplidh ri dèanamh trèana a bha thu an dùil a bha thu a’ dol a chall, a’ dèanamh cupan teatha sàr-mhath no a’ lorg an nì fhoirfe ri cheannach. Dh’fhaodadh gur e mòmaid a bh’ ann a bha ana-mhòr gu pearsanta leithid banais no cudromach gu cruinneil mar laighe air a’ Ghealaich.

Nuair a tha thu air co-dhùnadh air a’ mhòmaid agad, sgrìobh liosta de na taobhan mothachail uile air a bheil cuimhne agad bhon t-subhachas sin. Ciamar a bha thu a’ faireachdainn? Dè b’ urrainn dhut a shnòtadh, fhaicinn, a bhlasad no a shuathadh? Smaoinich air cò eile a bha san t-seòmar. Dè na dathan a chitheadh tu? An robh e fuaimneach no sàmhach? Bi cho mionaideach ’s a ghabhas.

Tòisich a sgrìobhadh

Reasabaidh

Sgrìobh reasabaidh de na grìtheidean a dh’fheumar airson subhachas. Dh’fhaodadh seo a bhith na fhìor reasabaidh airson cèic co-là-breith no biadh speisealta, no liosta de nithean no daoine air a bheil feum an-còmhnaidh gus subhachas a dhèanamh san dòigh agadsa. Sgrìobh mar a tha thu a’ tarraing nan nithean sin uile còmhla gus eudeigin sònraichte a chruthachadh. Cuimhnich gu bheil feum aig reasabaidhean air stiùiridhean sònraichte.

m.e. A-nis cuir ann grèim de nì ris nach dùil. Suath e tron mheasgachadh de phlanadh agus brosnachadh gus am bi e làn amalaichte.

Brosnachadh

Thoir sùil air an dà reasabaidh neo-chàirdeil(this will open in a new window) bho làrach-lìn Comhairleachaidh is Eadar-ghuidhe Blue Horizon.

Cuireadh

Sgrìobh cuireadh airson subhachas. Faodaidh tu àm, ceann-latha, àite, còd èididh no feartan sam bith eile as toigh leat a ghabhail a-steach. Dh’fhaodadh seo a bhith mar chuireadh gu mòmaid shònraichte ann an eachdraidh no mòmaid phearsanta nad bheatha.

Brosnachadh

Thoir sùil air cuid de na cuiridhean as innleachdaich(this will open in a new window) a-riamh!

Cridheachan aonranach

Sgrìobh sanas de sheòrsa cridheachan aonranach do neach leis am bu mhath leat subhachas a dhèanamh.

Brosnachadh

Cuimhnich air liricean bho Escape le Rupert Holmes, tha iad glè shònraichte agus mu dheidhinn beachd seach coltas:

              Mas toigh leat piña coladas
              Agus glacte san uisge
              Mura toigh leat iòga
              Ma tha leth eanchainn agad
              Mas toigh leat gaol aig meadhan-oidhche
              Anns na dùin air an rubha
              'S mise an gaol a tha thu a' sireadh
              Sgrìobh thugam agus teich.

Stiùiridhean

Sgrìobh stiùiridhean gus turas air an robh thu a thaisbeanadh, agus a bu mhath leat a chomharrachadh. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ glacadh prìomh mhòmaidean ann an càirdeas no clàradh eadar-obrachaidhean a ghabh àite tarsainn farsaingeachd.

m.e. Toiseach do chàirdeas ann an Glaschu, far na choinnich sibh an toiseach. Tòisich do Chuairt 2 bhliadhna sìos an rathad gu 123 Sràid an Leabhair, a’ chiad flat a roinn sibh le chèile. Gabh gu clì an dèidh dhut an cat fhaighinn.

Dh’fhaodadh tu cuideachd seo a tharraing air mapa le notaichean no dh’fhaodadh tu na h-àiteachan as sònraichte don chàirdeas agad a mhapadh air mapaichean google, agus innis an sgeulachd mar sin.

More Articles from Gaelic