Looking for more in Articles?

Haiku Dhut, Gad Chomharrachadh Fhèin – Moladh sgrìobhaidh

Genre: Inspiration

Last updated: 06 April 2021

Gaelic haiku writing prompt with text about Your Stories Celebration project

Ged a dh’fhaodadh e a bhith a’ faireachdainn beagan gallda an-dràsta, tha comharrachadh fhathast na fhorsa cumhachdach nar beatha làitheil.

Eadar gur ann gar mealadh fhìn mun chupan teatha fhoirfe ud a rinn sinn, gar blianadh ann an toileachas cuimhneachain nach dìochuimhnich sinn gu bràth no a’ meòrachadh air an neach speisealta sin a tha a’ dèanamh ar beatha nas tlachdmhoire, tha comharrachadh a’ ceadachadh dhuinn gabhail ris a’ mhòmaid agus ath-luachadh a dhèanamh air na tha cudromach nar beatha.

Eacarsaich blàthachaidh: mapa inntinn

'Tha ciall agus fuincsean sònraichte aig Haiku do gach neach. Faodaidh e a bhith na sheòrsa de leigheas. Faodaidh e a bhith na dhòigh air faighinn a-steach do dhearbh-aithne neach. Agus is urrainn dha na nithean sin a dhèanamh oir tha e goirid, on a tha na riaghailtean sìmplidh, on is urrainn dha cuimseachadh air a’ mhòmaid.' – Dr Haruo Shriane, Àrd-Ollamh Shincho Litreachas agus Cultar Iapànais, Oilthigh Columbia

A thuilleadh air a bhith na chruth bàrdachdail traidiseanta Iapànais, tha haiku air a chleachdadh gus an saoghal a sgrùdadh. On nach eil annta ach trì loidhnichean goirid, faodaidh mapa inntinn a bhith na inneal cuideachail airson cuid de fhacail a lorg.

Ann am meadhan na duilleig agad, sgrìobh am facal ‘subhachas’. An uair sin, tarraing loidhnichean bhon phrìomh thèama seo agus smaoinich air facail eile a tha ceangailte gu pearsanta rid eòlas fhèin air subhachas. Faodaidh seo a bhith na chlach-mhìle nad bheatha gu ruige seo no na euchd bheag phearsanta às a bheil thu moiteil. Smaoinich air sgoil, d’ obair, dàimhean, no do chur-seachadan.

Mura h-eil nì a’ tighinn gu d’ inntinn, smaoinich air do ghnàth-chùrsa bho latha gu latha. An do dh’fheuch thu reasabaidh ùr? An do rinn thu an gairm fòn eagalach ud? An do rèitich thu an ath-chuairteachadh? Tha gach aon de na mòmaidean sin nan adhbhar subhachais phearsanta.

Dian-lorg: Subhachas

'Mar as motha a mholas tu agus a chomharraicheas tu do bheatha, ’s ann as motha a tha sa bheatha airson a chomharrachadh.' – Oprah Winfrey

A-nis on tha facail agad co-cheangailte ri subhachas, feuch ri am briseadh sìos barrachd ann an smuaintean is faireachdainnean. Cuir do chiadfathan an sàs: cò air a tha cuimhne agad fhaicinn, a chluinntinn, a shnòtadh, a bhlasad agus a shuathadh aig an àm? Cruthaich liosta agus feuch ri facal a chomharrachadh do gach ciadfath.

Is àbhaist ìomhaigheachd chumhachdach a bhith ann an Haiku. Coimhead air ais air a’ mhapa inntinn de fhacail agad, agus air an liosta de chiadfathan, agus smaoinich air mar as urrainn dhut iad sin a chothlamadh gus dàn lèirsinneach a chruthachadh.

Tha pàirt chudromach aig nàdar cuideachadh ann an haiku. A bheil seusan no aimsir co-cheangailte ri do mhòmaid subhachais?

Tòisich a sgrìobhadh

Tha an cruth traidiseanta de haiku a’ leantainn riaghailtean sònraichte: dàn de thrì loidhnichean le 17 lididhean uile gu lèir. Tha 5 lididhean sa chiad loidhne, tha 7 lididhean san dàrna loidhne, agus tha 5 lididhean san treas loidhne mar a tha sa chiad tè. Ach, on a tha lididhean diofraichte ann an Iapànais agus Beurla, chan eil feum aig an haiku nua-aimsireil air na riaghailtean cruaidh sin a leantainn, bu chòir dha a bhith fhathast trì loidhnichean.

Chan fheum comhardadh a bhith ann an haiku, agus faodaidh ath-aithris fhacail no fhuaimean a bhith ann. Faodaidh tu cuideachd cluich le puingeachadh – faodaidh e a chleachdadh, no ’s dòcha nach fhaod.

Dh’fhaodadh e a bhith feumail smaoineachadh air beag-dhealbh den mhòmaid. Coltach ri dealbh thogte, tha e a’ glacadh na puing shònraichte sin ann an tìde agus farsaingeachd. Tha a’ chiad dà loidhne gu tric a’ peantadh dealbh agus tha an loidhne mu dheireadh ga cleachdadh gus an sealladh atharrachadh no gus tòna an dàin a ghluasad, no an tuigse do mar a dh’fhaodas a’ mhòmaid sin a bhith coltach. Ach, mar a chì sibh bhon Haiku gu h-ìosal, faodaidh sibh nì sam bith a thogras sibh a dhèanamh.

Brosnachadh

Tuiteam na h-oidhche,
Ro dhorch airson duilleag a leughadh
Ro fhuar.
– Jack Kerouac

Tha balach beag a' seinn
air a' bharraid, sùilean a' deàrrsadh
Druim a' sruthadh suas.
– Robert Yehling

Dùbhlachd a' gheamhraidh
dèanamh sabhs
bho na cnàmhan
– Jayne Miller

chunnaic mi bhuam
farsaingeachd tràigh Losgaintir
sìnte eadarainn
– Alison Laing

EFTER MATSUO BASHO.
The puddock lowps, an
the still quate o this auld puil
jist bursts wi a plowp.
– Ian McFadyen

Sgaradh dèante -
monarc a' seòladh
am measg dhuilleagan talmhainn
– Aubrie Cox

Mar a bhith a' càradh
stocainnean, tha mi a' càradh m' inntinn
agus a' dol air adhart
– Yoshino Yoshiko

Fuaigheal ri solas lampa
Teagasg litreachadh dom phàiste -
uisge an fhoghair
– Sugita Hisajo

Share your story

As part of our annual writing project – Your Stories – we’re asking people all over Scotland to submit true stories inspired by this year’s theme, Celebration.

If you've used one of our prompts, we'd love to read what you've written! Send us your story by Friday 11 June.

Share your story