Looking for more in Book Lists?

Stories in Gaelic

Language: Gaelic
Genre: Fiction, Non-fiction, Poetry
Age group: Adults
Topics:

This list of Gaelic writing was compiled by The Gaelic Books Council. The Gaelic Books Council (Comhairle Nan Leabhraichean) is an organisation dedicated to supporting the development of Gaelic writing, authors and publishing and stimulating interest in Gaelic books and other related materials. Along with Scottish Book Trust, they award the Gaelic New Writer’s Award(this will open in a new window) every year.

Alison Lang An Aisling

Anns an toiseach cha robh ann ach fealla-dhà am measg oileanach, am bruadar a bh' aca mu choimhearsnachd Ghàidhlig ùr, fad air falbh bho na dùbhlain a bha romhpa sa bhaile mhòr. Shaoil Mòrag nach gabhadh an aisling a thoirt beò, ach bha bharrachd misneachd, agus barrachd airgid, aig Eilidh. A-nis, às dèidh fichead bliadhna, tha an aisling air a truailleadh le adhaltrans, bròn is càirdeas briste. Tha dìleab na deuchainn aca fhathast a' bualadh air Mòrag, agus fios aice gur ann oirrese a tha an t-uallach a bhith a' mìneachadh do a chuid chloinne dè thachair ann am Baile Luachrach.

Pàdraig MacAoidh Gu Leòr

Seo bàrd a tha làn mac-meanmna is tionnsgalachd sa Ghàidhlig is sa Bheurla le chèile, a thuigeas a’ Ghàidhlig le mothachadh Gàidheil agus cainnt is brìgh na bàrdachd anns an fharsaingeachd. Tha an guth seo gu math siùbhlach is mothachail, rud a tha Pàdraig MacAoidh a’ toirt gu buil le iomadh innleachd, cleas agus sgal-creige a thuigeas luchd-leughaidh fiosrachail. Tha cruinneachadh cumhachdach fhèin againn an seo, le guth abaich nach fhaighear ach ainneamh nuair a bhios a chiad chruinneachadh làn ga thoirt a-mach le bàrd.

Màrtainn Mac an t-Saoir Tuath air a’ Bhealach

Is e tè òg nach fhaca cus dhen t-saoghal a th' ann an Robyn Carruthers. Bidh i ag obair ann am bùth an Glaschu 's a' cèilidh air a pàrantan sa Bhealach tric. Is bochd nach b' urrainn do Richard tighinn còmhla rithe air làithean saora, ach chan eil cothrom air. Thèid ise gu tuath air an trèana. Beagan coiseachd air a' bhlàr a-muigh ... dè a b' fhèarr? Ach nuair a choinnicheas i ri Fi, tha Robyn a' cur roimhpe slighe eile a ghabhail.

Cairistìona Stone Sa Bhùth ’s an Tac an Teine

Cruinneachadh de sgeulachdan beaga aotrom a tha a’ toirt dhuinn blasad ciatach de na bha a’ tachairt anns a’ Bhac an Leòdhas anns na 60an agus na 70an. Bhiodh muinntir na sgìre a’ tighinn còmhla ann am bùth pàrantan an ùghdair sa Bhac agus gheibh sinn dealbh bhlàth de chuid dhiubh sa chruinneachadh taitneach seo.

Alasdair Caimbeul Ro fhada san t-Suidheachadh Seo

An nobhail ùr le Alasdair Caimbeul (Alasdair a' Bhocsair) - aon dhe na sgrìobhadairean as fheàrr a th' againn ann an Gàidhlig sa latha an-diugh. A' tighinn as dèidh an nobhail mu dheireadh aige, Cuid a' Chorra-Ghrithich, tha Alasdair Caimbeul a' toirt dhuinn nobhail èibhinn, drùidhteach ùr. Air leth sgileil, le sùil gheur air gnothaichean. Bhuannaich an obair seo duais 'Leabhar na Bliadhna' aig Duais Litreachais Dhòmhnaill Meek ann an 2015.

Catrìona Mhoireach Le Mùirn

Chaidh an leabhar seo a chur ri chèile mar chuimhneachan air a' chàirdeas shònraichte is a' chom-pàirteachas chruthachail a bha ann eadar an sàr-bhàrd Gàidhealach, Murchadh MacPhàrlain, is an t-sàr-bhana-sheinneadair Ghàidhealach, Mairead NicLeòid, càirdeas is com-pàirteachas a thug buaidh mhòr, mhòr air ceòl Gàidhealach an latha an-diugh.

Niall O’Gallagher Suain nan Trì Latha

Cluinnear mac-talla nan dàn dìreach anns an dàrna leabhar den bhàrdachd aig Niall O’Gallagher. Uair eile, tha dàin-ghràidh aig cridhe a’ chruinneachaidh, co-dhiù eadar leannain neo eadar athair ùr agus a mhac. Gluaisidh na dàin bhon òg-mhadainn tro bhruthainn an fheasgair gu marbh na h-oidhche fo shoillse nan reultan. Coltach ris na measan a nochdas tron leabhar, tha na dàin seo taitneach, brìoghmhor, uaireannan searbh, ach le blas a mhaireas.

Seonaidh Charity An Làmh a Bheir

Tha e an ceann a chosnaidh is chan eil adhbhar aige a bhith a’ gearran, ach chan eil Calum buileach riaraichte leis an obair aige. An e seo an t-slighe cheart dha, ag obair airson companaidh mhòir shanntach aig nach eil diù do dhuine ach an luchd-earrann aca fhèin? Air turas a Namibia, tha Calum ag ionnsachadh rudan mu bhuaidh sanntachd nam bancairean air na dùthchasaich a tha a’ fosgladh a shùilean.

Michelle NicLeòid An Fhìrinn agus a’ Bhreug

Tha an leabhar seo a’ toirt seachad deich dealbhan-cluiche ghoirid le Tormod Calum Dòmhnallach. Bha Dòmhnallach làidir den bheachd gum bu chòir do dhràma Gàidhlig a bhith stèidhichte air a’ chultar Ghàidhealach agus anns na dealbhan-cluiche seo gu dearbha gheibhear eachdraidh Leòdhais, òrain thraidiseanta agus seallaidhean air beatha chroitearachd. Ach chan ann glaiste a-mhàin ri cultar Gàidhealach a tha an sgrìobhadh aig Dòmhnallach, ’s ann a tha iad eadar-nàiseanta agus innleachdach a’ suathadh ri Dràma Noh Iapanach, feallsanachd Jung agus cleasan sònraichte ’son an àrd-ùrlair an dà chuid airson dhealbhan-cluiche fìreachail agus os-fhìreachail.

Michael Klevenhaus An Uinneag Don Iar

Theich Marie Schmidt à Berlin an Ear leis an nighinn òig aice, ach chaidh a duine is a mac fhàgail air taobh eile a’ bhalla. Cha robh fios aig Caitrìona gun robh bràthair aice mus do leugh i na seann litrichean a lorg i ann an taigh a màthar. Às dèidh nam bliadhnaichean uile, an urrainn dhi a lorg, agus dè eile a tha i a’ dol a dh’fhaighinn a-mach mu a teaghlach?

Daibhidh Eyre Glainne

Tha teagasg ceimigeachd san àrd-sgoil a' còrdadh ri Sarah Chaimbeul, ach tha tubaist san deuchainn-lann a' toirt oirre cuimhneachadh air rudeigin uabhasach a dh'èirich dhi san oilthigh, rud a leig i air dìochuimhne. Tha an dàimh eadar i fhèin agus a cèile Teàrlach air tuiteam às a chèile agus chan eil fhios aice an urrainn dhi earbsa a chur sna bana-charaidean aice, no na cuimhne fhèin.

Tim Armstrong Feur Buidhe an t-Samhraidh

B' e seo an cothrom mòr. Air turas-ciùil anns na Stàitean agus tè òg bhòidheach ri a thaobh, bha Colman air a dhòigh glan. Cha robh càil a dhùil aige gum biodh e a' teicheadh bhon phoileas, ach a-nis cha robh e a' faicinn dòigh às.

Sandaidh Jones Crotal Ruadh

'S e sgrìobhadair ùr agus inntinneach ann an saoghal na Gàidhlig a th' ann an Sandaidh NicDhòmhnaill Jones. Tha dachaigh aice ann an Uibhist a Deas agus tha dlùth cheangal aice ri Innse Gall. 'S e seinneadair, clàrsair agus òranaiche a th' innte, aig a bheil mòr-urram do chruthan traidiseanta na bàrdachd, ach tha i a' cheart cho comasach le saor-rannaidheachd. 'S e ùr-bhlàth litreachais a th' ann an Crotal Ruadh bho bhàrd ioma-chànanach, os-nàiseanta, le beatha-obrach air leth inntinneach ann an cùisean eadar-nàiseanta. Choisinn Sandaidh àite air sgeama Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra ann an 2011, agus nochd an leabhar seo air geàrr-liosta Duais Dhòmhnaill Meek 2016.

Maureen MacLeod Banais na Bliadhna

Banais eile, prèasantan a bharrachd, agus cosgais mhòr nan lùib. Tha Anna seachd sgìth dheth, is i aig bòrd nan singilteach a-rithist. Ach an turas seo tha fireannach ann a tha den aon bharail mu bhainnsean, agus moladh dàna aige. Carson nach pòs iadsan? Gheibh iad airgead agus prèasantan mìorbhaileach, agus an uair sin dh’fhaodadh iad dealachadh bho chèile. Dè an cron? Cha deigheadh càil ceàrr.

Roddy MacLean An Creanaiche

Bha am boireannach air an trèana caran annasach, agus cha robh dùil aig Ruairidh gum faiceadh e a-rithist i. Ach bha Màiri NicEachairne ag iarraidh a thaic, oir bha sgeulachd àraid aice ri innse mun cho-fheall as ainmeile san fhicheadamh linn, agus eòlas pearsanta aice air an duine bochd aig nach robh roghainn eile ach a bhith a' leantainn òrdughan agus losgadh air Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte.