Looking for all Articles by Gordon Connelly?

Sanas sgrìobhaidh Sgeulachdan na h-Alba: Dànachd Làitheil

Sanas sgrìobhaidh air a bhrosnachadh leis an iomairt againn Sgeulachdan na h-Alba: Dànachd.

Language: Gaelic

Last updated: 28 March 2023

Tha sinn ag iarraidh air muinntir na h-Alba na sgeulachdan beatha aca a roinn mar phàirt den iomairt bhliadhnail againn airson sgrìobhadh sgeulachdan: Sgeulachdan na h-Alba. 'S e 'dànachd' an cuspair againn ann an 2023. Co-dhiù a tha thu dèidheil air sgrìobhadh no nach do dh'fheuch thu ri sgrìobhadh sgeulachdan bhon a dh'fhàg thu an sgoil, tha sinn an dòchas gun cleachd sibh an sanas sgrìobhaidh seo gus do chuideachadh tagradh a chruthachadh airson Sgeulachdan na h-Alba.

Nuair a thig e gu dànachd, chan fheum sinn an-còmhnaidh mullach beinne a dhìreadh no tòiseachadh air slighe gu tur ùr. Uaireannan, 's e an dànadas socair, làitheil a bhios sinn a' gabhail – gu tric gun a bhith mothachail – a bheir an toileachas as motha dhuinn. Bho bhith a' gabhail slighe ùr gu obair no a' taghadhbriosgaid ùr leis an t-srùbag feasgair againn, chan eil dànachd sam bith ro bheag!

Bidh daoine a' smaoineachadh air rudan ann an cus doimhneachd – gaol gun chumhachan, ag atharrachadh an t-saoghail, a' dèanamh rudan do-dhèanta. Chan fhaic iad an toileachas, an toileachas mòr, a tha rin lorg ann an gnìomhan làitheil sìmplidh.

- Marty Rubin

Eacarsaich blàthachaidh

Seall timcheall an t-seòmair anns a bheil thu. Air duilleag pàipear dèan trì colbhan. Anns a' chiad cholbh, dèan liosta de chuid de stuthan a chleachdas tu gu tric no a h-uile latha.

Bhon chupa as fheàrr leat, paidhir stocainnean comhfhurtail no an sèithear anns am bidh thu a' cuir seachad leth uair a thìde a' leughadh gach feasgar. Faodaidh e a bhith rud sam bith, fiù 's rudeigin nach eil thu a' smaoineachadh a tha gu sònraichte inntinneach.

Smaoinich air an liost' agad. Anns an dà cholbh a th' air fhàgail sgrìobh sìos cò air a tha na nithean sin a' toirt ort smaoineachadh agus carson a tha iad cudromach?

Ma tha duilgheadas agad smaoineachadh air nithean, faodaidh tu fòcas a chuir air taobhan eile dha do bheatha làitheil / sheachdaineil. Do shlighel gu d' obair no na h-àiteachan a lorgas tu airson fois a ghabhail: bùth cofaidh as fhèarr leat, gàrradh no gnìomhachd a tha toirt toileachas dhut.

Beachdaich

Coimhead thairis air an liost' agad a-rithist agus smaoinich gu faiceallach air gach nì no gnìomh. Falmhaichd' inntinn, dùin do shùilean agus cuir fòcas air do mhothachaidhean. Dè tha thu a' cluinntinn? Dè tha thu a' faicinn? Dè am fàileadh a tha thu a' faighinn? Cuir seachad 2-3 mionaidean a' sgrìobhadh gun stad.

Na gabh dragh mu dheidhinn structar no brìgh. Dìreach cùm am peann sin a' gluasad! Dèan an eacarsaich a-rithist airson gach nì no gnìomh.

Tòisich a' sgrìobhadh

A-nis tha an t-àm ann feòil a chuir air cnàimhean an sgeulachd agad.

Thoir sùil thairis air na h-earrannan sgrìobhaidh a tha thu dìreach air a chruthachadh. Dè na h-ìomhaighean, loidhnichean no dathan a tha a' seasamh a-mach? Feuch ri na pìosan as fheàrr leat fhighe a-steach don sgeulachd agad mar a thèid thu air adhart.

A bheil caraid no neach air a bheil gaol agad a tha thu a' ceangal ris a' ghnìomhachd no an rud? Smaoinich mun dàimh a th' agad leotha agus a bhuaidh a th' aig an dàimh eadaraibh air an rud.

Obraich a-mach mar a tha thu airson do sgeulachd a dhealbhadh. Dh'fhaodadh tu an sgeulachd agad a thoirt beò le bhith a' sgrìobhadh san tràth làithreach. No, ma s' fheàrr leat an sgeulachd agad a' bhith nas meòrachail, faodaidh tu sgrìobhadh san tràth caithte.

Agus ma tha thu stuigte, sgrìobh gu saorsail airson mionaid no dhà a-rithist. Chan eil fios agad dè a thig thugad. !

Roinn do sgeulachd

Ma tha thu air aon de na sanasan sgrìobhaidh againn a chleachdadh mar chuideachadh, bu mhath leinn na tha thu air sgrìobhadh a leughadh! Tha suas ri 1000 facal agad ri chleachdadh anns an sgeulachd agad, ach chan fheum thu iad uile a chleachdadh. Dèan cinnteach gun cuir thu a-steach am pìos agad gu Sgeulachdan na h-Alba ro Dhihaoine 2 Ògmhios airson fhaicinn air fhoillseachadh air an làrach-lìn againn (agus is dòcha eadhon ann an leabhar Seachdain Leabhraichean na h-Alba am-bliadhna!)

Cuir a-steach do sgeulachd