Looking for more in Scotland's Stories?
Càirdeas na cloinne
7, 6, 5 ,4 ,3, 2, 1.
Is sinn uile ar seasamh seasgair
deiseil is deònach ’son a’ chamara.
Faitichean-gàire a’ bobadaich
mar na tuinn luainiche.
Teaghlaichean cruinn còmhla
a’ gagadaich mar gheòidh.
Sheas sinn, deic de chairtean, sreath
a’ taisbeanadh ar n-aoisean mar bhràistean.
Ach,
chì mi bus làn sonas a’ falbh dhan tràigh.
M’ antaidh is Mam a’ draibheadh.
A’ bhòrd làn biadh is bodhaigean.
Gheibh mi fàileadh cè-ghrèine mhilis
le beagan gràinean saillte.
Feur is flùraichean air cuairtean samhraidh.
Cluinnidh mi an t-òran co-là-breith
ga sheinn gu mì-mhodhail.
Sgreuchail is ùpraid bhon ghàrradh.
Tha e crochte air balla cidsin mo mhàthair.
An glainne rèidh fo mo mheòir
seachd co-oghaichean
agus ar n-òige
air a ghlacadh gu siorraidh.