Looking for more in Scotland's Stories?

An Diabhal Càirdeil

Author: C

Chaidh an grian orains sìos fhad s’a bha an adhar a’ fàs nas doirche. Bha am fàileadh eireachdail nan guga a’ sgèith tro na croitean s’ na chaoraich acrach. Chaidh an gaoth fuar tro fraoch an eilean fraoich bheòthail. Ach tron oidhche reòite Gheamhraidh, bha fuaim de cabadaich Ghàidhlig a’ tighinn bho taigh-dubh Leòdhasach. Anns an taigh-dubh seo, bha fhuaim a’ chabadaich na h-eileanan a’ tighinn bho dithis bhoireannaich òg aig an robh na t-ainmean Chloe agus Camhanachd. Chluich na dhithis aca an ceòl traidiseanta aca dha na pharantan mhoiteil, agus dha na caraidean aig an teaghlach mòr fharsaing s’an coimhearrsnachd dlùth. Sheinn iad òrain à Nis a Tuath, bàrdachd, agus sgeulachdan ionadail. BRAG!!!

Chuala a h-uile duine s’an taigh-dubh, agus na nabaidhean ri taobh an teaghlach fhuaim sgriosail bho an taobh eile den baile bheag.

“Dè bho shealbh a tha iad a’ dèanamh a-nall a sin?’’ dh’fhaighnich Chloe eireachdail, am falt aice a’ gluasad leis an teine chùbhraidh blàth.

“Chan eil càil a fhios a’m’’ fhreagair Camhanachd, am blàs Niseachd a’ fas nas sàmhaiche. “A bheil thu ag iarraidh a’ faicinn a-muigh?’’ dh’fhaighnich Camhanachd ri a’ phiuthair àlainn.

“Tha gu dearbh, agus gun teagamh, bidh seo inntinneach’’ fhreagair Chloe dealasach, agus thoisich i a’ coiseachd a-muigh dha na croitean lìonmhor ri taobh a’ chuain sgìth.

Nuair a ruigeas an dithis aca taobh a-muigh an geata, chuala iad sgreuchail uabhsach a’ tighinn bho bonn an cnoc, agus na innbhich as na taighean a’ ruith air timcheall na seòmairean. As dèidh mionaid no dhà, ruith a h-uile neach a-mach as na seann togalaichean, is chunnaic na dithis clann-nighean ceò, agus dath dearg a’ tighinn às na taighean beag bideag. Ruith an dithis sìos an rathad cugallach, dha na taighean dathach, ach cha b’e teine a bh’ann, ‘s e neach a bh’ann, agus ruith a h-uile duine a-steach dha an taigh airson a’ faicinn.

“Na bidh eagal oirbh, tha mi direach an seo airson fiosrachadh cudromach a thoirt dhuibh, tha am baile seo a’dol a’ faighinn lunnadh bho na duine beartach à Sasainn, thoir dìon dha do coimhearrsnachd, agus do oigridh’’ thuirt an Dia neonach, agus cha robh e ann tuilleadh.

Chuala iad casan timcheall a’ chroit mòr, agus choisich iad uile a-mach leis na dithis clann-nighean. Chunnaic iad buidheann de balaich àrd a’ coimhead air na taighean-dubha aig na nabaidhean, agus ruith iad a’ falbh nuair a chunnaic iad na boireannaich.

Chaidh Chloe, agus Camhanach air ais dhachaigh as dèidh sin, agus thoisich ias ag obrachadh a-mach planaichean air na duine seo. Thuit iad na chadal aig deich uairean s’an oidhche dorcha. Dhuisg iad ri fhuaim an taigh a’ tighinn sìos, agus fhireannaich crosta air taobh a-muigh. Chùm iad fhaisg ri chèile fhad s’a bhasaich iad.