Looking for more in Scotland's Stories?

Mar a Thachair

Author: Fearchar 910
Year: Adventure

Tha beatha ioma-chùiseach ‘s ùidheachail air a bhith agam ach thachair an sgiorras as motha gun planaigeadh sam bith.

An oidhche a bha seo dhùisg mi gu h-obann ‘s mi nam laighe air an làr. Bha cuideigin a gnogadh aig an doras.

Dh’fhaighnich mo bhean,

“A bheil thu ceart gu leòr ann an sin?” coltas iomaganach na guth.

Choimhead mi mum timcheall nam bhreislich. Bha làr an rùim-ionnlaid còmhdach le fuil ùr. Rinn mi oidhirp lag an làr a ghlanadh. Cha do mhair sin fada! Shuidh mi air ais gog-cheannach, làn fios nach urrainn dhomh a leithid a dèanamh.

An do fhreagair mi i? Chan eil cuimhne leum idir.

Dh’fhosgail mo bhean an doras feuch fhaicinn mar a bha mi. Bha e follaiseach dhi gun robh mi ann an fìor èiginn. Dh’fhàg i.

Dè bha air tachairt? Cha robh cinnt agam. Bha mi air a bhith nam shuidhe air an suidheachan toidhleit ach cha robh càil a fhios ’am dè thachair às dèigh sin. Co-dhiu, ‘s cinnteach gun robh pàirt mhòr dhen trìoblaid nach robh mi air a choimhead às dèigh mo shlàinte fhìn mar bu choir. Airson greise bha mo chac air a bhith dubh ‘s tioram agus aon oidhche, mìos no dhà nas tràithe bha mi air tuitem far an t-suidheachan toidhleit mar tha, ged nach chaill mi fuil sam bith an turas sin. Aig an àm smaonich mi nach robh mi ach ro sgith le cus deoch làidir a’ gabhail agus mar sin cha deach mi faisg air dotair.

Bha mi fhathast nam shuidhe air an làr fuilteach troimh-chèile nuair a thill mo bhean. Thug i fòn dhomh a’ ràdh gun robh boireanach ag iarraidh a bhruidhinn rium. Thuirt am boireanach gun robh mi fìor thinn ‘s bu choir dhomh chumail ciùin gus thigeadh an carbad-eiridinn.

Cha robh mòran cuimhne agam dè thachair às dèigh sin gus an robh iad gam giùlan a-mach. Ach timcheall air an àm sin thoir e dhomh salamandar gun do thachair an aon rud ri chàraid o chionn beagan bliadhnaichean agus cha do mhair esan fiu’s seachdainn a barrachd. Tuillidh air sin bha cuimhne agam gun do thuit m’ athair ‘san garradh ‘s cha do dh’èirich esan às a' phaisean idir. Mar sin fhad ‘s a bha iad gam ghiùlan sios an staidhir cha robh cinnt sam bith orm gun thillinn dhan taigh idir.

'S an t-iongnadh nach robh mòran eagal orm, no fiu’s dragh orm ged a bha mi air a ghabhail ris an teansa nach bhiodh mi a’ thilleadh. ‘S dòcha gun robh e na faclan m’ ogha gam sèimhich.

Cha robh ise ach ochd bliadhnaichean a dh’ aois, leis a màthair glè thinn nuair a dh’iarr i orm,

“Glandad, ciamar a bhiodh e nuair a gheibhamaid sinn bàs?”

Cha tug mi freagairt sam bith sam bith dhi ro thuirt ise.

“Fhios agaibh Glandad, mus chaidh ar breith cha robh sìon a fhìos againn air càil. Dùil agam gum bhiodh e mar sin.”

Co-dhiu cha robh ach aon dragh orm fhad’s a bha iad gam ghiùlain sios an staire, an robh mi air dèanamh gu leòr leis an duilleach a sgrìobh mi airson mo mhnà le stiùiridhean mun dè bu choir ise a’ dèanamh ma gheibhinn bàs? An robh iad nua-aimsireil ‘s freagarrach?

Thug iad dhan carbad-eiridinn mi ‘s tha cuimhne agam a’ smaointinn nach robh an t-speinsean cho math leis mi a’ faireachdainn gach slaic. Às dèigh sin bha mi nam laighe ann an trannsa airson greis gus am bhiodh cuideigin deiseil gam fhaicinn ach ro sin feumaidh mi a’ tuiteam nam chadal, a chionn ‘s gu bheil nach eil cuimhne agam air sìon gus an do dhuisg mi san uàrd.

Thairis air am uàrd bha duine og na chadal làmh-ghlaiste ris an leabaid. Ri a thaobh bha Oifigear Prìosain. Ged chan fhaic mi an duine sin a glasadh ach glè bheag mhair rudan mar sin fad na dà latha a bha mi ‘san leabaidh sin. A barrachd air sin bha dà duine le seargadh-inntinne ‘sa uàrd. Chaidh inneal-rabhaidh dheth gach oidhche nuair a dh’fhosgail am darna fear dorus -éiginn agus feuch am fear eile a’ dol innte comhla ri duine eile. Cha bu choir iad a bhith ‘san hospital idir ach gu mi-fhòrtanach cha robh àitichean freagarrach air an son.

Thuirt banaltram dhomh gun d’ fhuair mi dà pinnt fala agus gun do rinn iad endoscopy ‘s colonoscopy gun a lorg adhbhar ‘son na thachair ged a thug iad dà polyps àsam. Nuair a rinn dotair na cuirtean aige bha iad toilichte gu leòr leamsa ged nach robh càil a dh'fhios aca fhathast dè bha air a’ dol ceàrr! Chuim iad a-staigh mi airson sgrùdadh-sùla ‘s deuchainnean ach cha do rinn iad adhartas sam bith.

Às dèigh grunn laithean thuirt an àrd-lighiche gum faod mi a dhòl dhachaidh ach a chionn’s nach robh mo mionach a’ gluasadh bhon a thuit mi cha robh mi toilichte le sin ‘s dh’fhan mi ‘san ospadal gus thachair sin. Gu fhòrtanach cha robh athailt fala ann ‘s mar sin chaidh mi dhachaidh gun mineachadh ceart airson de bha air thachairt. Thuirt aon dotair ma dh'fhaoidte gun do thòisich caill fuil nam bhroinn le searbhag neasgaideach agus cum sin a’ dòl leis gun robh mi air aspirin.

Bha e air a bhith trì no ceithir bliadhna bhon a chur an dotair mi air aspirin ach a-nis stad mi gun dàil. Gu fhòrtanach cha do thachair a leithid a-rithist ged a bha beagan dragh orm mu a dheidhinn airson greise.

Leis na thachair bidh cinnt agam nach bi an eug fhèin a’ cuir eagal orm ged a bhiodh tòrr doighean bàs fhaighinn a chuireadh ainsgean tromham. Ach bu toil leum gu mòr nam bhithinn air mhaireann nuair a thàinig a’ crìoch air mo bhean. Rinn i fìor mhath an turas sin ach b’ fheàrr leum gu mòr nach bhiodh aice a dhèiligeadh leis mo bhàs.