Looking for all Articles by Nyla Ahmad?

Gluasad sgrìobhaidh Ur Sgeulachdan: Sgeulachdan tùsail

Gluasad sgrìobhaidh chruthachail stèidhichte air cuspair Sgeulachdan Alba

Language: Gaelic

Last updated: 01 April 2022

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba a' comharrachadh Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba 2022(this will open in a new window) le bhith ag iarraidh air muinntir na h-Alba am fìor sgeulachdan a roinn mar phàirt de ar pròiseact sgrìobhaidh bliadhnail, Ur Sgeulachdan. Cleachdaibh an gluasad sgrìobhaidh seo gus ur brosnachadh agus tòisichibh a' sgrìobhadh.

Is e sgeulachdan tùsail an sgeul a tha gad dhèanamh mar a tha thu. Chan eil diofar cò às a tha thu, tha sgeulachdan againn uile a tha a' mìneachadh mar a thàinig sinn gu bhith mar a tha sinn a-nis. No aithne a bhith againn air na sgeulachdan mìneachaidh acasan a tha mun cuairt oirnn.

Tha mòran dòighean air sgeulachd thùsail innse. Dh'fhaodadh do sgeulachd thùsail a bhith a' leantainn prìomh-choltas de thùs àrd-ghaisgeach, far na lean latha eachdraidheil no tachartas brònach gu rudeigin gaisgeil, air a lìonadh le caractaran brìgheil agus mòmaidean cuimhneachail. Dh'fhaodadh do sgeulachd thùsail a bhith nas sòlamaichte cuideachd, ath-chuimhneachadh sàmhach air a bhith air atharrachadh gu bràth. Ge 'r bith dè an dòigh a roghnaicheas tu do sgeulachd thùsail innse, seo cuid de eacarsaichean sgrìobhaidh gus do chuideachadh a' tòiseachadh.

Blàthachadh: Pearsanachadh nithean

Coimhead timcheall d' àite agus tagh còig nithean. Airson gach nì, beachdaich air fheum practaigeach agus mar a bhiodh e ag obrachadh. An uair sin beachdaich air a' phearsantachd a dh'fhaodadh a bhith aig na nithean sin, dh'fhaodadh seo a bhith mu dheidhinn nan nithean a bu thoigh agus nach bu thoigh leotha, amasan an latha no mar a tha iad a' faireachdainn. Sgrìobh paragraf goirid do gach nì, agus smaoinich air an eadar-obrachaidhean. Dè tha a' dèanamh nan nithean sin speisealta agus gun choimeas? Dè an sgeulachd a dh'fhaodadh tu a thoirt dhaibh?

Mar eisimpleir: Bha Tòmas am flasg a' faireachdainn gu math ìosal an-diugh. Bha a cheap a bha rudeigin fosgailte, a' dèanamh dragh dha. Bha e a' leigeil a-mach beagan èadhair theth. 'Chan urrainn dhomh seo a chreidsinn!' sgreuch Tòmas. 'Tha i air a dhèanamh a-rithist!'

Dian-bheachd: Na còig bliadhna mu dheireadh

Meòraich air na còig bliadhna mu dheireadh ded bheatha agus beachdaich air na mòmaidean a bha sònraichte. Sgrìobh seantans do gach bliadhna a tha thu a' faireachdainn a tha gan riochdachadh. Dh'fhaodadh gur e cuimhneachan no mòmaid shònraichte no dh'fhaodadh gur e loidhne a th' ann a tha a' geàrr-iomradh na bliadhna gu h-iomlan. Aon uair 's gu bheil thu air loidhne a sgrìobhadh do gach aon de na còig bliadhna mu dheireadh, beachdaich air blocaichean ùine eile do am faodadh tu na loidhnichean sin a sgrìobhadh. Dh'fhaodadh tu seantans an urra a sgrìobhadh airson nan ciad còig bliadhna ded bheatha, agus iad sin a sgrùdadh airson mòmaidean sònraichte nad sgeulachd thùsail. Dh'fhaodadh tu cuideachd seantans an urra a sgrìobhadh mu na dòchasan airson an ath chòig bliadhna ded bheatha.

Tòisich a' sgrìobhadh

Le Àrd-Chumhachd Thig Àrd-Uallach

Tha na facail sin glè aithnichte don mhòr-chuid de luchd-leantainn Spider-Man mar a' chomhairle ghlic a thugadh do Pheadar Parker aig àm cudromach na chuairt. Smaoinich air abairt a dh'innis cuideigin dhut uaireigin agus a' bhuaidh a bha aige air do bheatha. Dh'fhaodadh tu an abairt seo a chleachdadh mar a chiad loidhne den sgeulachd agad.

Mar eismpleir: Thuirt mo mhàthair rium uaireigin 'na bi a' dèanamh nì gus am bi thu cinnteach . . .'

Mòmaid

Smaoinich air mòmaid a dh'atharraich do bheatha. Dh'fhaodadh gur e rudeigin mar bhreith pàiste a bh' ann no an latha a thuirt thu 'Tha'. Dh'fhaodadh e a bhith na mhòmaid aig an robh buaidh leantainneach air do bheatha, leithid a dhol a-steach do bhùth agus a' bualadh ann an cuideigin ùr no cuideigin nach fhaca tu o chionn fhada. Aon uair 's gu bheil do mhòmaid agad, feuch ri iomradh cho math 's a ghabhas a dhèanamh air. Sgrìobh pìos goirid mu gach nì air a bheil cuimhne agad fhaicinn, fhaireachdainn no a chluinntinn aig a’ mhòmaid sin.

Sgeulachd thùsail

Sgrìobh do sgeulachd thùsail fhèin ann an stoidhle leabhar comaig. Tarraing cliath naoi-phannal le bhith a' roinneadh duilleig de phàipear A4 le trì loidhnichean tarsainn agus trì dhìreach. Plotaig dè a tha a' tachairt anns gach pannal agus teacsa sam bith a tha leis. Faodaidh an teacsa nochdadh ann am builgnean cainnt ma tha daoine a' còmhradh no ann am bogsa teacsa gus a chleachdadh mar aithris.

Roinn do sgeulachd

Mar phàirt de ar pròiseact sgrìobhaidh bhliadhnail – Ur Sgeulachdan – tha sinn ag iarraidh air daoine air feadh Alba sgeulachdan fìor a chur a-steach, a tha air am brosnachadh le cuspair na bliadhna seo, Sgeulachdan Alba. Ma tha thu air aon de na gluasadan againn a' coimhead ris na diofar dhualan de chuspair na bliadhna seo a chleachdadh, b' fhìor thoigh leinn na sgrìobh thu a leughadh! Cuir thugainn do sgeulachd ro Dihaoine 10 Ògmhios.

Roinn do sgeulachd