Looking for all Articles by Philippa Cochrane?

Sanas sgrìobhaidh: Sgeulachdan phrìseil

Sanas sgrìobhaidh air a bhrosnachadh leis an iomairt againn Sgeulachdan na h-Alba

Language: Gaelic

Last updated: 29 March 2023

Nuair a gheibh sinn cothrom air tìde a chur seachad còmhla, nuair a bhios sinn a' coinneachadh charaidean agus teaghlach airson cupa teatha, no biadh còmhla, nuair a bhios sinn a' stad agus a' còmhradh ri nàbaidhean tarsaing a' gheata no air an t-sràid – bidh na sgeulachdan a chaidh innse uair is uair gar ceangail ri-chèile a-rithist.

Mura innis thu d' eachdraidh teaghlaichean, thèid e air chall. Thoir urram do na sgeulachdan agad fhèin agus innis iad cuideachd. Dh'fhaodadh nach eil na sgeulachdan a' coimhead cudromach, ach is iad na tha a' ceangal theaghlaichean ri chèile agus a' dèanamh gach aon againn mar a tha sinn.

- Madelaine L'Engle

Dh'fhaodadh gur e sgeulachd a th' ann mu dheidhinn an turais a dh'fhuirich thu fhèin agus do charaidean sa cholaiste an-àirde a dh'fhaicinn na grèine ag èirigh, no an turas uabhasach air an trèana nuair a bha thu nad shuidhe airson sia uairean a thìde ri taobh an neach a thàinig gu bhith gaol do bheatha. Dh'fhaodadh e a bhith mu dheidhinn do sheanair a shàbhail beatha chuideigin no an turas a chuir thu fhèin agus do bhràithrean an cidsin na theine gun fhiosta. Tha na sgeulachdan sin bho eachdraidh cho-roinnte – mu na mòmaidean a chruthaich càirdeas, a' cuimhneachadh neach-gaoil, ag ath-ghlacadh d’ òige no a thug oirnn gàire còmhla – ag innse dhuinn cò sinn agus carson a tha sinn cudromach dha chèile.

Tha seann sgeulachdan mar sheann charaidean. Feumaidh tu tadhal orra bho àm gu àm.

- Seòras RR Màrtainn

Eacarsaich blàthachaidh: Bòrd sunnd sgeulachd

‘S e inneal lèirsinneach a th' ann am bòrd sunnd gus na h-eileamaidean cudromach uile ann an sgeulachd a chruinneachadh. 'S e cruinneachadh de dh'ìomhaighean, de dh’fhacail agus nithean a th' ann a tha a' dùsgadh agus a' taisbeanadh sealladh den sgeulachd a tha thu airson innse. Tha cruthachadh bòrd sunnd na eacarsaich fheumail gus tòiseachadh a' smaoineachadh mu dheidhinn mar a tha thu airson na sgeulachd innse. 'S e dòigh mhath a th' ann cuideachd gus sgeul prìseil a ghlacadh.

Faodaidh tu nì sam bith a thoirt a-steach don bhòrd sunnd. Nuair a tha e ullamh, bu chòir don phròiseact na prìomh eileamaidean den sgeulachd a ghlacadh – an aithris agus brigh nan sgeul. Dh'fhaodadh na molaidhean a leanas a bhith feumail:

  1. Cùm ri clàr dathan – tagh dath no dhà a tha a' freagairt air faireachdainn / sunnd / suidheachadh do sgeulachd agus feuch ri na h-ìomhaighean a thaghas tu a chumail ri na dathan sin.
  2. Smaoinich air dà fhaireachdainn làidir a tha an sgeulachd agad a' dùsgadh – tagh ìomhaighean a ghlacas iad sin.
  3. Beachdaich air teacsa a chleachdadh – an dà chuid mar phàirt de dhealbhan a' bhùird shunnd agus gus na h-eileamaidean agad a mhìneachadh.
  4. Cleachd raon de cho-phàirtean ann am bòrd chorporra – a' gabhail a-steach seann dhealbhan, ìomhaighean à irisean, teacsa clò-bhuailte agus notaichean sgrìobhte agus nithean eile leithid tiogaidean bhusaichean, mapaichean, prògraman, aodaich, is eile.
  5. Dèan air-loidhne e – faodaidh tu cuideachd bòrd sunnd didseatach a dhèanamh. Tha mòran làraichean-lìn bùird sunnd an-asgaidh agus apan a tha a’ ceadachadh dhut dealbhan agus teacsa a chur ris agus gluais iad mun cuairt gus a bheil thu toilichte leis.

Dian-bheachd: Mapa sgàthan sgeulachd

Gus sgrìobhadh mud sgeulachd phrìseil, feumaidh tu smaoineachadh mu dheidhinn 'sgeulachd do sgeulachd': Ciamar a chaidh innse? Cò leis? Càite? Ciamar a tha e a' toirt ort a bhith a' faireachdainn a bhith ga chluinntinn ga aithris?

Luchdaich agus cleachd inneal mapa sgàthan na sgeulachd(this link will open in a new window) aig bonn na duilleige seo gus na tha a' tachairt san sgeulachd agad a mhapadh mu choinneamh mar a tha i air a h-innse. Seo eisimpleir de mar a dh'fhaodadh tu a lIonadh:

Dè tha prìseil anns an sgeulachd Ag innse na sgeulachd

Cuin: nuair a thachair an sgeulachd phrìseil agad

Cuin: nuair a tha an sgeulachd agad ga h-innse

Càite: far na thachair i

Càite: far an deach innse

Cò: cò mu dheidhinn a tha an sgeulachd

Cò: cò tha ag innse na sgeulachd agus cò dha a tha iad ga h-innse

Carson: carson a thachair na thachair

Carson: carson a thathar ga h-innse

Ciamar: mar a bha e a' faireachdainn aig an àm

Ciamar: mar a tha ga innse agus ga cluinntinn a-rithist a' toirt ort a bhith a' faireachdainn

Source: Scottish Book Trust

Mar a lìonas tu gach earrann, smaoinich air ais chun a’ bhòrd shunnd agad. Smaoinich mu na h-ìomhaighean agus na faireachdainnean a tha ag èirigh nad inntinn. Dè bha na fathannan agad ag innse dhut?

Mar eisimpleir, dh'fhaodadh do sgeulachd phrìseil a bhith mu dheidhinn cuairt fhada tron t-sneachda san dorchadas. Is dòcha gun do thachair e air an oidhche, nad òige. Is dòcha gun robh thu còmhla ri do sheanair a bha gad thoirt dhachaigh bhon bhall-coise – bhris an càr sìos agus bha agad ri coiseachd dhachaigh. Mar sin san sgeulachd, dh'fhaodadh e a bhith fuar agus ciùin agus na solais a’ deàlradh far an t-sneachd agus bhiodh gach àite sàmhach. Is dòcha gun do leig thu fhèin agus do sheanair oirbh gur sibh na h-aon daoine a-mhàin air an t-saoghal fad na cuairt dhachaigh.

Ach dh'fhaodadh tu cuideachd an sgeulachd seo innse nuair a tha sibh a' tighinn còmhla mar theaghlach, le biadh agus deoch agus mòran còmhraidh is gàireachdainn – is dòcha a-staigh, aig an Nollaig, 's dòcha mun cuairt an teine. Mar sin bhiodh blàths ann agus mòran dhathan is fuaim agus bhiodh tu a' faireachdainn air do chuairteachadh agus gu mòr mar phàirt de bhuidheann nas motha. Is dòcha gu bheil e air innse gus cuimhneachadh air do sheanair, is dòcha gu bheil e a' bruidhinn mun àite anns na thogadh tu, no 's dòcha a' chiad uair a chunnaic thu sneachd.

Tòisich a' sgrìobhadh

Nuair a tha thu a' sgrìobhadh, beachdaich air na h-eadar-dhealachaidhean sin agus na ceanglaichean a ghabhail a-steach eadar dè tha a' tachairt san sgeulachd phrìseil agus na tha a' tachairt nuair a bhios tu ga h-innse. Thoir iomradh air pìosan de dh’fhiosrachaidh bho gach aon. Sgrìobh mu dheidhinn fàileadh agus na tha thu a' cluinntinn, a' blasad, a' faicinn agus a' suathadh. Faodaidh na h-eileamaidean sin cuideachadh le sealltainn do neach a' leughadh do sgeulachd carson a tha an sgeulachd phrìseil cho cudromach dhut agus na tha i a' ciallachadh don teaghlach agad, do d’ charaidean agus don choimhearsnachd.

Tha sgeulachd aig gach teaghlach a tha ga h-innse fhèin, a thèid air adhart gu clann agus oghaichean. Tha an sgeulachd a' fàs thar nam bliadhnaichean, a' cruth-atharrachadh, tha cuid de phàirtean air an geurachadh, feadhainn eile gan leigeil seachad agus tha deasbad gu tric mu dheidhinn dè thachair ann an da-rìribh. Ach fiù leis na diofar thaobhan sin den aon sgeulachd, tha aonta ann fhathast gur e sgeulachd teaghlaich a th' ann.

- AM Homes