Looking for all Articles by Gordon Connelly?
Gluasad sgrìobhaidh Ur Sgeulachdan: Ìceanan coimhearsnachd
Gluasad sgrìobhaidh chruthachail stèidhichte air cuspair Sgeulachdan Alba

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba a' comharrachadh Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba 2022(this will open in a new window) le bhith ag iarraidh air muinntir na h-Alba am fìor sgeulachdan a roinn mar phàirt de ar pròiseact sgrìobhaidh bliadhnail, Ur Sgeulachdan. Cleachdaibh an gluasad sgrìobhaidh seo gus ur brosnachadh agus tòisichibh a' sgrìobhadh.
Tha innse sgeulachdan na phàirt fuaighte de dhearbh-aithne nàiseanta na h-Alba. Tha na sgeulachdan a tha sinn ag innse agus cò dha a dh'innseas sinn iad, nam pàirt bunaiteach de ar beatha.
Bho chuimhneachadh nan uirsgeulan a thàinig a-nuas thugainn bhon teaghlach, na mòmaidean singilte a thug sinn gu tuigse nas fheàrr dhinn fhìn, no na h-àiteachan, daoine agus coimhearsnachdan a chuidich sinn a' lorg dachaigh, tha sgeulachdan gar ceangal rinn fhìn agus ris na daoine mun cuairt oirnn.
Nuair a smaoinicheas sinn air na sgeulachdan a tha air a bhith nam pàirt mhòr de ar beatha, tha seans gu bheil cuid de phearsantachdan mòra nan suidhe rin taobh. Taobh a-staigh gach coimhearsnachd tha iadsan a thèid mìle a bharrachd; iadsan a tha a' suathadh ann am beatha dhaoine air dhòigh air choreigin. Daoine a tha a' brosnachadh chàich gu bhith beò ann an dòigh a tha brìgheil dhaibh no bhith a' rannsachadh am faireachdainnean.
Cleachd an gluasad sgrìobhaidh seo gus breab a thoirt don chruthachalachd agad, an uair sin cuir a-steach do phìos gu ar pròiseact Ur Sgeulachdan airson cothrom a bhith a' nochdadh ann an leabhar an-asgaidh a thèid a sgaoileadh rè Seachdain Leabhraichean na h-Alba.
Blàthachadh
really great [people] make you feel that you, too, can become great.
Tarraing trì colbhan air pìos pàipeir. Sa chiad cholbh, sgrìobh ainmean dhaoine a thug buaidh mhòr ort no air do choimhearsnachd thar nam bliadhnaichean. San dàrna colbh, dèan liosta de chuid de na feartan a tha a' dèanamh nan daoine sin speisealta (an gnìomhan coibhneis, obair gun sguir, sealladh brosnachail air beatha). San treas colbh, sgrìobh sìos cuid de na mòmaidean a thug na feartan sin buaidh dìreach air do bheatha fhèin.
Dian-bheachd
Tha an t-àm ann cuimseachadh air na nithean sònraichte sna mòmaidean air an robh thu a' smaoineachadh. Carson a bha iad cudromach? Carson a dh'fhuirich iad nad chuimhne? Is dòcha gun do stiùir eòlas agus coibhneas leabharlannaiche ionadail thu chun a' chiad leabhar a b' fheàrr leat dha-rìribh? An do bhrosnaich deimhinneachd agus creideas an tidseir annad a b' fheàrr leat thu gu gnìomh mòr a choileanadh?
Feuch ri smaoineachadh mu chuid de na suidheachaidhean agus sgrìobh sìos beagan fhacail, ìomhaighean no seantansan a tha a' tighinn thugad.
Coimhead air ais
- A bheil figear bho d' òige no bho d' òigeachd dheugach a tha tric air d' inntinn? Cuideigin a bha a' nochdadh ann an sgeulachdan gach neach? Ciamar a thug an neach seo buaidh air do phearsantachd no air do shealladh air beatha?
- Mura d' fhuair thu a-riamh cothrom air taing a thoirt dhaibh aig an àm, carson nach fheuch thu ri litir a sgrìobhadh thuca? Bheir labhairt dìreach riutha cead dhut a bhith fosgailte mun bhuaidh dheimhinnich a bh' aca air do bheatha.
- Dh'fhaodadh gur e seòrsa de fhigear mhiotasach a bh' anns an ìcean coimhearsnachd agad, cuideigin air nach robh mòran aithne aig neach sam bith ach mun robh sgeulachdan gun chunntas gan innse mu dheidhinn. Ciamar a dh'obraich na sgeulachdan sin dhutsa agus dod charaidean aig an àm?
Coimhead air adhart
- Smaoinich air do choimhearsnachd ann an dhà, deich no trithead bliadhna eile. Cò ris a tha i coltach? Smaoinich air a' mhathas a tha air a thighinn mar thoradh dìreach no neo-dhìreach air an ìcean coimhearsnachd agad. Carson nach sgrìobh thu litir thuca, a' toirt moladh dhaibh airson an atharrachaidh a bhrosnaich iad.
- No dh'fhaodadh tu sgrìobhadh bhon mhòmaid a tha thu ag amharc san àm ri teachd, a' dèanamh iomradh air an adhbhar gu bheil e luachmhor dhut no don choimhearsnachd fharsaing.
- Ma bhios am pìos agad a' tòiseachadh ri faireachdainn coltach ri tabhartas, dh'fhaodadh gum bi thu airson a ghlacadh ann an cruth bhidio cuideachd. Bhiodh òraid dìreach na fìor thabhartas don ìcean coimhearsnachd agad.
Gabhail tlachd an-dràsta
- A bheil neach nad bheatha an-dràsta a tha an-còmhnaidh gad bhrosnachadh no na daoine sa choimhearsnachd agad? Cuideigin a tha air a bhith na shòlas dhut thar an dà bhliadhna dhùbhlanach mu dheireadh? Dè na gnìomhan coibhneis, iomairt no fealla-dhà a tha air seasamh a-mach dhut?
- Dh'fhaodadh gu bheil an ìcean coimhearsnachd agad a' dol mun cuairt gun fhiosta.. Cuideigin air nach eil aithne aig gach neach ach a tha an-còmhnaidh a' cur gàire air d' aodann nuair a chì thi iad. Carson a tha an neach seo a' dèanamh an àite seo sa bheil thu, a bhith a' faireachdainn mar do dhachaigh?
Tòisich a' sgrìobhadh
A-nis, bhon a tha fios agad cò air bu mhath leat cuimseachadh, tha an t-àm ann tòiseachadh a sgrìobhadh!
Co-dhùin dè an sealladh bho bheil thu a' sgrìobhadh. An cruthaich thu e bho thionndadh nas tràithe dhìot fhèin gus am faireachdainn no an aighearrachd àrdachadh. No nam b' fheàrr leat e a bhith a' faireachdainn nas meòrachail agus nas dlùithe, dh'fhaodadh tu feuchainn ri litir a sgrìobhadh na àite.
Ma tha na h-ìomhaighean a th' agad co-cheangailte ris an fhigear mhòr seo gu h-àraid beòthail, carson nach fheuch thu ri sgeulachd a ghlacadh tro shriop comaig?