Looking for all Articles by Theresa Peteranna?

Sgeulachdan Alba – Gluasad Sgrìobhaidh: Pòcaidean toileachais

Gluasad sgrìobhaidh sgeulachd air a bhrosnachadh le Sgeulachdan Alba: Iomairt Dòchais.

Language: Gaelic

Last updated: 25 March 2024

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba ag iarraidh air daoine air feadh Alba an sgeulachdan fìor agus pearsanta fhèin mun chuspair Dòchas a chur a-steach.

Cleachdaibh an gluasad sgrìobhaidh seo gus ur smuaintean cruthachail a chur a dhol. Faodaidh sibh ur pìosan a chur a-steach an seo airson cothrom air nochdadh ann an leabhar an-asgaidh, air a thoirt gu buil le Urras Leabhraichean na h-Alba, a bhios air a sgaoileadh air feadh na dùthcha aig Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2024. 

Ma tha thu air aon de na gluasadan againn a chleachdadh gus do chruthachalachd a phiobrachadh, b’ fhìor thoigh leinn na tha thu air a sgrìobadh, a leughadh! Tha suas ri 1,000 facal agad airson do sgeulachd a roinn, ach chan fheum thu an cleachdadh uile. Dèan cinnteach gun cuir thu a-steach am pìos sgrìobhaidh agad gu Sgeulachdan Alba ro 7mh Ògmhios gus fhaicinn air fhoillseachadh air an làraich-lìn againn (agus ’s dòcha fiù ann an leabhar Seachdain Leabhraichean na h-Alba am-bliadhna)!

Pòcaidean toileachais

Tha ar dòchasan is aislingean glè thric mòr, ach dè mu dheidhinn toileachasan beaga nar beatha? 

Eadar gur ann a’ toileachadh ann an tom-tàisean, a’ miannachadh air ciad fhlùraichean an earraich nochdadh, no a’ crochadh taigh-eun gus caraidean ùra a thàladh, chan eil gnìomh dòchais sam bith a tha ro bheag no neo-chudromach.

Ann an dàn haiku, tha cruth sìmplidh agus cleachdadh eaconamach air cànan, ag obair gus àm, àite no sunnd sònraichte a dhùsgadh. Dh’fhaodadh crìochan haiku a bhith mar an dearbh dhùbhlan a bhrosnaicheadh tu fhad ’s a tha thu a’ glacadh mòmaid de dhòchas ann an sgrìobhadh. 

Eacarsaich blàthachaidh: Mapa inntinn

On nach eil ach trì loidhnichean goirid ann an haiku, faodaidh mapa inntinn a bhith feumail airson cnuasachadh air facail agus amannan a thoirt dod inntinn nuair a bha thu a’ faireachdainn dòchasach. Faigh pìos pàipeir agus sgrìobh am facal ‘dòchas’ sa mheadhan. Tarraing loidhnichean bhon phrìomh chuspair seo, a’ cur fhacail ris a tha co-cheangailte ri d’ eòlas fhèin air dòchas. 

Smaoinich air gach mòmaid dòchais san latha agad, a’ coimhead ris na gnìomhan, dàimhean agus cur-seachadan agad. Dè tha a’ tighinn gu d’ inntinn? Is dòcha gu bheil an t-àm ann do sgàilean fhàgail aig an doras, gun èisteachd ris an ro-aithris sìde? No an oidhche air a cur seachad a’ miannachadh teacsa bho neach sònraichte? Mar as mionaidiche, ’s e as fheàrr. 

Dian-bheachdachadh: Dòchas

“Is e dòchas an t-aon seillean a tha a’ dèanamh mil às aonais fhlùraichean.”

- Raibeart Green Ingersoll

A-nis on a tha facail agad airson dòchas, feuch ri cuimseachadh air àm sònraichte nuair a bha thu a’ faireachdainn dòchasach. 

Cuir d’ fhaireachdainnean an sàs agus tu a’ feuchainn ris a’ mhòmaid a thoirt air ais nad chuimhne. Dè as urrainn dhut fhaicinn, a chluinntinn, fhàileadh fhaireachdainn, a bhlasad agus a shuathadh? Cruthaich liosta agus feuch ri facal a chomharrachadh do gach faireachdainn. 

Tha nàdar gu tric a’ gabhail pàirt chudromach ann an haiku. Coimhead air ais air an t-sìde nad mhòmaid de dhòchas no cur iomradh seusanail a-steach. 

Cladhaich nas doimhne a-steach dod smuaintean agus fhaireachdainnean. An e dòchas ‘an nì le itean’ no creideas làidir gu bheil nì nas fheàrr a’ tighinn? 

Coimhead air ais air a’ mhapa inntinn agad de fhacail, liosta fhaireachdainnean agus iomraidhean seusanail agus cuir còmhla iad airson ìomhaigheachd beairteach a chruthachadh. 

Tòisich a sgrìobhadh

Tha Haiku glè thric air a dhèanamh suas à trì loidhnichean, le còig lididhean sa chiad loidhne, seachd san dàrna loidhne, agus còig san treas loidhne. On a tha lididhean diofraichte ann an Iapànais agus Beurla, chan eil haikuthan uaireannan a’ leantainn an dearbh chunntas de lididhean (ach bu chòir dhaibh fhathast a bhith trì loidhnichean de dh’fhaid).

Chan fheum haiku a bhith a’ comhardadh agus dh’fhaodadh ath-aithris air facail no fuaimean a bhith ann. Bidh Haikuthan gu h-àbhaisteach a’ nochdadh facal gearraidh -  beachdaich air mar a dh’fhaodadh tu cluich le taghadh fhacail no puingeachadh gus stadan a chur ann no beachd atharrachadh. 

Leugh an taghadh de haikuthan gu h-ìosal gus brosnachadh fhaighinn air mar as urrainn do dhiofar ghuthan agus stoidhlichean seinn taobh a-staigh chrìochan cho teann. Cruthaich taobh a-staigh nan stiùiridhean agus feuch a-mach iad fhad ’s a tha thu a’ glacadh do phòcaid toileachas fhèin.