New Writer 2019: June Graham

Gaelic Children's Fiction

New Writers Awardee 2019 June Graham

’S e oide air-loidhne aig Colaiste a’ Chaisteil ann an Steòrnabhagh a th’ ann an June Ghreumach. Tha i air a bhith a’ sgrìobhadh ficsean sa Bheurla o bha i na deugaire agus b’ ann an dèidh dhi Gàidhlig ionnsachadh a thòisich i air sgeulachdan cloinne a chruthachadh sa chànan sin cuideachd.

Tha sgeulachdan goirid le June air nochdadh air-loidhne agus ann an diofar irisean, agus tha i air aithrisean neo-fhicsean a sgrìobhadh sa Ghàidhlig airson Cothrom, stèidhichte air a beatha ann an Canada agus san Eilbheis far an robh i ag obair mar neach-saidheans. Tha i air leth toilichte an cothrom seo fhaighinn airson a bhith ag obair air a cuid sgrìobhaidh.

--

June Graham is an online tutor at Lews Castle College in Stornoway. She has enjoyed writing fiction in English since she was a teenager and it was only after she learned Gaelic that she began to create children’s stories in that language as well.

Several of June’s short stories have been published online and in various magazines. She has also written factual articles in Gaelic for Cothrom magazine, based on life in Canada and Switzerland, where she worked as a scientist.

Writing sample

Earrann bho An Cat Coigreach, sgeulachd chloinne le June Ghreumach

[Extract from An Cat Coigreach (The Feline Stranger), a children’s story by June Graham]

Bha Pangur air a dhòigh, a’ laighe air an t-sòfa dhearg eadar Cairistìona agus Teàrlach. Shuath Teàrlach brù Phanguir. “Tha mi a’ faireachdainn uabhasach dona mu Phangur.”

“Tha agus mise,” thuirt Cairistìona. “Ach feumaidh sinn falbh. Tha an obair aig an dithis againn a’ tighinn gu crìoch. Tha an taigh ro bheag airson ceathrar mar-thà, agus tha dùil againn ri cuideigin eile.”

Ghluais Pangur earball. Dè bha iad a’ ciallachadh? An tigeadh dàrna cat a dh’fhuireach aig an taigh? Uill, nam b’ e sin a’ chùis, bhiodh an taigh ro bheag gu cinnteach.

“An do chuir thu sanasan Phanguir suas?” dh’fhaighnich Teàrlach.

“Chuir,” thuirt Cairistìona. Shlìob i ceann Phanguir. “Thuirt am bheat gum biodh e tòrr nas fheàrr dachaigh ùr a shireadh dha ann am Bern, an àite a thoirt a dh’Alba leinn.”

“Tha mi cinnteach gum bi teaghlach anns an sgìre ga iarraidh,” thuirt Teàrlach. “’S e cat òg, modhail a tha ann, agus tha e a’ coimhead brèagha.”

“Bidh mi ga ionndrainn gu mòr,” thuirt Cairistìona. “Ach tha sinn a’ dèanamh an rud as fheàrr dha.”

Leum Pangur far an t-sòfa.

“A bheil thu a’ dol a-mach a shealg?” dh’fhaighnich Teàrlach ann an guth àbhaisteach mar gun robh iad dìreach air a bhith a’ bruidhinn mun aimsir. Nach robh fios aca fhathast gun do thuig Pangur a h-uile facal a thuirt iad, ged nach robh comas bruidhinn aige?

Cha do shealg Pangur an oidhche ud. Chrom e sìos am measg nan craobhan beaga. Carson a bha a theaghlach a’ dol a dh’Alba an àite fuireach ann am Bern, am baile as fheàrr san t-saoghal? Agus carson nach robh iad ga thoirt leotha? Nach robh e air gaol gu leòr a thoirt dhaibh?

B’ esan an cat aca. Cha robh e airson a dhol gu teaghlach eile idir, idir.

June says:

Tha i air leth toilichte an cothrom seo fhaighinn airson a bhith ag obair air a cuid sgrìobhaidh.

June is delighted with the opportunity the award gives her to work on her writing.