New Writer 2020: Andreas G. Wolff

Gaelic narrative non-fiction

Rugadh Andreas Wolff air eilean poileatagach Berlin an Iar ann an 1974 agus dar a thadhail e air eileanan na h-Alba, gu sònraichte air na h-Innse Gall thuit e ann an gaol leotha agus leis a' chultar Ghàidhlig. Thàinig e a dh'Alba a dh'fhuireach 16 bliadhna air ais agus cheumnaich e bho Shabhal Mòr Ostaig le BA (le Urram) is e a-nis ag obair mar fhear-naidheachd bhidio dha BBC ALBA ann an Earra-Ghàidheal, an Alba agus san Roinn Eòrpa. Bidh Andreas cuideachd a' sgrìobhadh colbh mìosail dà-chànanach do phàipear-naidheachd seachdaineach, an Scottish Catholic Observer, mu chuspairean leithid eachdraidh, creideamh agus siubhail.

Cheumnaich e le MA ann an obair-naidheachd eadar-nàiseanta bho Oilthigh Napier Dhùn Èidinn le urram agus tha naoi cànanan aige. Tha Andreas airson a bhith ri sgrìobhadh siubhail fada agus sgrìobhadh aithriseach eile is e a' togail air na sgilean aige mar fhear-naidheachd gus sgeulachdan innse. Tha e na cheann-suidhe air Còisir Ghàidhlig Thaigh an Uillt agus gràdh aige air iomradh far chladaich.

__

Born on the (political) island of West Berlin in 1974, Andreas Wolff fell in love with the Scottish islands, especially the Hebrides and their Gaelic culture when he visited as a teenager. He settled in Scotland 16 years ago, studied a BA (Hons) in Gaelic at Sabhal Mòr Ostaig on the Isle of Skye and now works as a video journalist for BBC ALBA in Argyll, in Scotland and in Europe.

Andreas also writes a monthly bilingual column for a weekly paper, the Scottish Catholic Observer, in which he deals with subjects ranging from history to faith and travel. He completed an MA in International Journalism at Edinburgh Napier University with distinction and speaks nine languages. Andreas wants to explore long form travel and other narrative non-fiction writing, building on the factual story telling skills he acquired as a journalist. He is president of the Taynuilt Gaelic Choir and loves coastal rowing.

Follow Andreas on Twitter(this will open in a new window) or check out his blog(this will open in a new window).

Writing Sample

Bho Bhangkok gu Singapore air an International Express

Àm meòrachaidh air cèistean eadar-nàiseanta

...Chuala mi mu cheannarc Islamach ann an ceann a deas Thailand, ach leugh mi air blogaichean gun robh an "International Express" sàbhailte. Anns an leabhar-iùil agam tha mi a-nis a' leughadh gu bheil an trèana seo "off limits" air sgàth cheannarc. A' coimhead mun cuairt tha mi toilichte nach eil mi nam aonar mar Eòrpach. Tha an duine air taobh thall na trannsa ag innse dhomh gur ann à Hat Yai a tha e, mòr-bhaile ann an ceann a deas na dùthcha. Chan eil sin a-nis fada às. Tha esan a' dol dhachaigh airson beagan làithean. Tha mi a' cur na cèist air am bu chòir dhomh a bhith draghail mu cheannarc agus sinn a' faicinn barrachd luchd-tearainteachd air bòrd. Ach tha e ag ràdh gu bheil riaghaltas arm Thailand air ceannardan nam buidhnean-ceannarc a chur an greim agus gu bheil an dùthaich a-nis sàbhailte.

Ann an Hat Yai thig teaghlach Muslamach air bòrd agus iad a' suidhe sìos faisg orm. Tha coltas orra gu bheil iad fosgailte ri còmhradh agus le sin tha mi a' cur na cèist orra cò às a tha iad. Thug boireannach òg le clò mun cheann ainm a choireigin dhomh. Dar a tha i a' faicinn nach eil sin a' ciallachadh sian dhomh tha i a' cur ris: "Far a bheil na bomaichean," le gàire air a h-aodann.

Tha sinn a' teannadh dlùth air crìoch Mhalàisia is tha sin na fhaochadh dhomh. Tha fear-siubhail Eòrpach eile ag ràdh gur e seo an t-àm na drugaichean agad a chur bhuat. Gu h-obann thig smuain a-steach orm gun robh còir agam dèanamh cinnteach nach do chur duine druga a-steach dhan bhaga agam. Tha Malàisia aithnichte airson cho cruaidh 's a tha iad air daoine a thèid a ghlacadh le drugaichean. Ma tha barrachd is 40g de chocaine agad e.g. feumar do chur gu bàs. Ach tha e ro fhadalach a-nis agus fàilte bhlàth ga chur oirnn le seirbheis cusbainn Mhalàisia...

Andreas says:

"Tha mi fìor-thoilichte an duais seo fhaotainn agus mi an dòchas cuir rud beag ri stòras sgrìobhaidh na Gàidhlig is saoghal na Gàidhlig san fharsaingeachd."

__

"I am delighted to receive this award and hope to be able to make a small contribution to the corpus of Gaelic writing and Gaelic life in general."