Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2020

Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2020 a-nis fosgailte do thagraidhean.

Ceann-latha: 5.00f, Dihaoine 8 Samhain 2019

Luchdaich a-nuas an clàr-iarrtais

Gheibh an luchd-buannachaidh:

Slatan-tomhais airidheachd

Chan eil e ceadaichte dhut tagradh a chur a-steach ma tha gin dhe na puingean gu h‑ìseal a’ freagairt ort:

Le bhith a’ cur a-steach tagradh, tha thu a’ daingneachadh gu bheil thu a’ coileanadh nan slatan-tomhais gu h-àrd. Thèid neach sam bith nach eil a’ coileanadh nan slatan-tomhais a meas neo-airidh is dh’fhaodar iarraidh orra an duais a thilleadh no tagradh a tharraing às.

Ceistean sam bith? Cuir post-d gu mairi@gaelicbooks.org

A’ cur a-steach tagradh

Airson ficsean/neo-fhicsean, bu chòir na leanas a bhith an cois do thagradh:

Airson bàrdachd, bu chòir na leanas a bhith an cois do thagradh:

Measadh

Thèid tagraidhean a mheasadh le pannal air a tharraing bho riochdairean Bhòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean. Airson cothromachd aig ìre mheasaidh, bidh ainmean nan tagraichean air fad air an cumail dìomhair bhon phannal – chan fhaic iad ach na h‑ainmean-pinn a thagh na tagraichean. Gheibh tagraichean fios mu co‑dhùnadh a’ phannail ro dheireadh na Dùbhlachd 2019.

Tagraidhean

Bu chòir tagraidhean a chur air post-d gu: mairi@gaelicbooks.org(this will open in a new window) le ‘Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra’ agus ur n-ainm mar chuspair a’ phuist-d. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro 5.00f air Dihaoine 8 Samhain 2019.

Bu chòir do luchd-tagraidh às aonais post-d, clàr-iarrtais clò-bhuailte a chur gu:

Màiri NicCumhais

Oifigear Litreachais is Foillseachaidh

Comhairle nan Leabhraichean

32 Sràid Achadh a’ Mhansa

Glaschu

G11 5QP

CHA BHI STUTH SAM BITH A THIG A-STEACH AIR A THILLEADH

Ma bhios ceist sam bith agad a thaobh an sgeama seo, cuir fios gu: Màiri NicCumhais, Comhairle nan Leabhraichean air mairi@gaelicbooks.org(this will open in a new window)

Luchd-gleidhidh nan Duaisean