Comhaltachd Robert Louis Stevenson

Is e duais bhliadhnail a th’ ann an Comhaltachd Robert Louis Stevenson a tha a’ tabhann ratreut sgrìobhaidh fad mhìos do sgrìobhadairean proifeiseanta anns an Hôtel Chevillon.

 Grez-sur-Loing in France

Bidh Co-chomhaltachdan a’ faighinn:

Bhiodh Robert Louis Stevenson gu tric a’ tadhal air an Hôtel Chevillon anns na 1870an (choinnich e fiù ri a bhean, Fanny Osbourne, an sin) agus tha an taigh-òsta a’ leantainn air adhart a’ tabhann àrainneachd obrach mhìorbhaileach do luchd-ealain agus sgrìobhadairean, tro The Stiftelsen Foundation(this will open in a new window).

Modh tagraidh

Tha tagraidhean fosgailte gu Diciadain 29 Faoilleach, meadhan-latha.

Faigh tuilleadh fiosrachaidh agus cuir iarrtas a-steach

Tha ceithir chomhaltachdan rim faotainn gach bliadhna, a’ gabhail àite san Ògmhios, san Iuchar, san Lùnastal no san t-Samhain. Find out about this year's fellows.

Ceistean no draghan sam bith? Cuir post-d gu applications@scottishbooktrust.com(this will open in a new window).

Sgrùd ar n-Aithris Prìobhaideachd a dh’fhaicinn mar a bhios sinn a’ stòradh agus a’ cleachdadh fiosrachadh mun tagradh agad.

Mu dheidhinn Grez-sur-Loing

Tha Grez-sur-Loing suidhichte aig oir Coille Fontainebleau san Fhraing, agus chaidh a thaghadh air sgàth a cheanglaichean ri Robert Louis Stevenson, a thadhail ann an toiseach ann an 1875. B’ ann an sin aig Taigh-òsta Chevillon, a choinnich e ri a bhean, Fanny Osbourne. Bha Stevenson a’ faighinn an àite agus na coimhearsnachd de sgrìobhadairean is luchd-ealain fad-stèidhichte, anabarrach tarraingeach agus thill e gu Grez-sur-Loing airson trì samhraidhean às dèidh a chèile.

Tha an Taigh-òsta Chevillon air a ruith le Stèidheachd Stiftelsen(this will open in a new window) san t-Suain.

‘Bha mi, agus tha mi fhathast, glè thaingeil airson a’ chothruim a bh’ agam a bhith a’ fuireach agus ag obair ann an àite cho dlùth-cheangailte ri Robert Louis Stevenson, aon de mo ghaisgich litreachais. Tha Comhaltachdan RLS nan tiodhlacan mìorbhaileach do sgrìobhadairean. Tha iad a’ toirt seachad nan nithean air a bheil feum aig sgrìobhadairean dealasach nas motha na nì sam bith eile – ann an da-rìribh, còmhla ri biadh is fasgadh, chan eil nì a dhìth air sgrìobhadair ach: ùine agus farsaingeachd cothruim airson sgrìobhadh.’ Seumas Robasdan.