Looking for more in Articles?

Toisich a sgrìobhadh: stuth san àm ri teachd

A h-uile latha bidh sinn a’ coimhead ris an àm ri teachd, a’ meòrachadh air dè thachras nar beatha.

Last updated: 30 April 2020

Blàthachadh

Coimhead timcheall ort agus tagh cuid a rudan. Dh’fhaodadh iad a bhith nàdarra no air an cruthachadh le mac an duine, ach bhiodh e na b’ fheàrr measgachadh a thaghadh. Sgrìobh rosgrann no dhà mu na rudan seo san àm ri teachd. Am bi iad fhathast ann an ceann 100 bliadhna? Dè bhios ag èirigh do rudeigin tro thìm? Mas e rud a chaidh a chruthachadh le mac an duine a th’ ann, am bi sinn fhathast ga chruthachadh? Smaoinich air saoghal anns nach dèan sinn sin.

Meòrachadh: Stuthan ar saoghail air an giùlain don àm ri teachd

“Bidh na bailtean mòra nan tobhtaichean… tha an tobhta ann mar-thà, fon t-sràid dheàlraich.” David Farrier, Footprints

Tarraing loidhne sìos pìos pàipeir, a’ riochdachadh tìm. Sgrìobh am facal beag aig aon cheann dheth, agus mòr aig a’ cheann eile.

Cuir air an loidhne rudan nach tèid à bith gu luath, a bhios ann fhathast san àm ri teachd. Cuir ann an òrdugh iad a rèir meud; is dòcha gum bi grìogag phlastaig aig aon cheann, agus togalach no long-tancair aig a’ cheann eile.

Smaoinich air rudan a bhios sinn a’ cleachdadh an-dràsta, is sinn nan eisimeil, ach a dh’fhàgas sinn às ar dèid, mar fhosailean an àm ri teachd: rathaidean, sgudal-fànais, togalaichean. Ciamar a gheibhear lorg air na fosailean seo san àm ri teachd, agus dè chanas iad mu ar deidhinn?

Tòisich a sgrìobhadh

More Articles from Creative writing