Looking for more in Articles?

Toisich a sgrìobhadh: dè cho fad às ’s a tha an t-àm ri teachd?

A h-uile latha bidh sinn a’ coimhead ris an àm ri teachd, a’ meòrachadh air dè thachras nar beatha.

Last updated: 13 May 2020

Blàthachadh: cleachdadh

Bidh sinn uile a’ coimhead air an ùine nach eil fad às tro lìonra de chleachdaidhean làitheil. Smaoinich air atharrachadh fear de na cleachdaidhean as bunaitiche agad – rud cho simplidh ri bruiseadh d’ fhuilt, cadal ann an leabaidh no cosg bhrògan. Dè a’ bhuaidh a bheireadh atharrachadh sa chleachdadh seo air do bheatha san àm ri teachd? An toireadh e buaidh air na daoine timcheall ort?

Meòrachadh: dè cho fad às ’s a tha an t-àm ri teachd?

Nuair a chanas sinn “thig an latha” no “a’ planadh air adhart” dè tha sinn a’ ciallachadh? Dè cho fad às ’s a tha an t-àm ri teachd nar n-inntinn?

Smaoinich air faireachdainn phearsanta mun àm ri teachd. Dè cho fad às ’s a tha e? Am biodh cuideigin à àite eile no ann an suidheachadh eile ga atharrachadh? Am biodh sealladh diofraichte aig fògarrach, no cuideigin aig àm cogaidh? A bheil aois ag atharrachadh cho fad às ’s a tha an t-àm ri teachd ri cuideigin?

Ciamar a bhios tu a’ planadh airson rudan a tha bliadhnaichean air falbh? An urrainn do aon latha sònraichte a bhith da-rìreabh “san àm ri teachd”?

Tòisich a sgrìobhadh

Sgrìobh mu àm nuair a rinn thu plana airson rudeigin a bha fad às, no nuair a bha agad ri bhith a’ feitheamh deagh ghreis mus tigeadh e gu bith. An robh an rud ris an robh thu a’ feitheamh mar a bha thu an dùil?

“Shaoil mi gun robh mi a’ feitheamh gu sìorraidh, a’ feitheamh air…”

Sgrìobh mu àm nuair a dh’atharraich do bheatha san àm ri teachd a dh’aithghearr. Dè thachair aig an àm seo airson rudan atharrachadh gu ìre cho mòr?

“Cha do shaoil mi riamh gun gabhadh mo bheatha atharrachadh ann an latha…”

Smaoinich air tachartas san àm ri teachd – a tha fhathast san àm ri teachd, no rudeigin a bha agad ri bhith a’ planadh air a shon. An gabh an ùine a bha, no a tha, thu a’ feitheamh a bhriseadh sìos gu diofar thràthan ùine? Sgrìobh earrann mu gach tràth.

More Articles from Creative writing