Looking for more in Articles?

Toisich a sgrìobhadh: cainnt mar àm ri teachd

A h-uile latha bidh sinn a’ coimhead ris an àm ri teachd, a’ meòrachadh air dè thachras nar beatha.

Last updated: 13 May 2020

A-màireach

Smaoinich air suidheachadh far nach eil an t-àm ri teachd ach aon latha air falbh – suidheachadh nach urrainn dhut planadh air a shon, mar fhògarrach no cuideigin fon choille. Sgrìobh rosgrann no dhà mun “àm ri teachd” airson an neach seo, is dè an dòchas a th’ aca san latha a tha romhpa. An robh thu riamh ann an suidheachadh far nach b’ urrainn dhut smaoineachadh ach aon latha air adhart aig an àm? Sgrìobh mu dheidhinn sin. 

Cainnt mar àm ri teachd

“Is teann an tràth a dh’fhalbh, is foirfeachd ri teachd” – Zadie Smith

Am bi cainnt a’ fàs aosta, a’ dol às an fhasan, no ag atharrachadh rè ùine?

Meòraich airson greis air eisimpleirean de chainnt a thathas a’ cleachdadh ann an diofar theacsaichean a dh’innseas dhut cuine a chaidh a sgrìobhadh (Shakespeare, mar eisimpleir, ged a bha a chainnt-san gu math adhartach aig amannan!).

Smaoinich air faclan a thòisich sinn gan cleachdadh dìreach bho chionn goirid. Ciamar a tha ar cainnt ag atharrachadh a rèir na tha ag èirigh dhuinn? Smaoinich air faclan no abairtean a chuala tu nad òige nach eil gan cleachdadh tuilleadh. A-nis smaoinich air faclan a chleachdadh neach òg, an-dràsta no san àm ri teachd. 

Tòisich a’ sgrìobhadh: 

More Articles from Creative writing