Looking for all Articles by Marjorie Lotfi Gill?
Toisich a sgrìobhadh: Aig Ceithir Fichead
A h-uile latha bidh sinn a’ coimhead ris an àm ri teachd, a’ meòrachadh air dè thachras nar beatha.

A h-uile latha bidh sinn a’ coimhead ris an àm ri teachd, a’ meòrachadh air dè thachras nar beatha. Do chuid againn, is e cothrom a th’ ann, is tha sinn dòchasach gun tig piseach oirnne, air ar luchd-gaoil is air ar coimhearsnachdan.
Eacarsaich bhlàthachaidh: Ciamar a mhìnicheas tu an t-àm ri teachd?
Ma tha thu a’ sireadh mìneachadh air “an t-àm ri teachd”, bidh thu a’ lorg:
- tràth a leanas air an àm sa bheileas a’ bruidhinn no a’ sgrìobhadh; tìm a tha fhathast ri tighinn
- uair a thig nas fhaide air adhart, no a tha gu bhith ann no gu bhith a’ tachairt
Smaoinich airson mionaid no dhà air mar a mhìnicheas tu an t-àm ri teachd. Meòraich air na ceistean a leanas:
- dè cho fada air falbh ’s a tha an t-àm ri teachd? A bheil an t-àm ri teachd a’ tòiseachadh sa mhionaid, no às dèidh greis? Nuair a chanas cuideigin, ‘San àm ri teachd nì mi…’ cuine a tha thu a’ sùileachadh?
- nuair a chanas tu ‘san àm ri teachd’, a bheil thu an dùil gun tachair rudeigin? An e dòchas a th’ ann, no aisling, no rudeigin a tha fa-near dhut?
Sgrìobh sìos am mìneachadh agad fhèin air an àm ri teachd.
Meòrachadh: aig ceithir fichead
“Cò tha ag ràdh nach toir sinn stiùir dhuinn fhìn?” – Edwin Morgan
Tarraing loidhne ann am meadhan duilleag phàipeir.
Air an dàrna taobh, sgrìobh mu na h-amasan a bh’ agad nuair a bha thu nad phàist no nad dhuine òg. Dè bha thu ag iarraidh, a’ sireadh agus ag amas air?
Air an taobh eile, sgrìobh mu na h-amasan a bhios agad san àm ri teachd. Ciamar a bhios na dòchasan is na h-aislingean seo ag atharrachadh mar a dh’fhàsas tu nas aosda?
Leugh “Aig Ceithir Fichead” le Edwin Morgan agus smaoinich air na ceistean a leanas:
- Dè do bheachd air an neach a tha a’ bruidhinn?
- A bheil thu ag aontachadh leotha?
- A bheil an neach seo a’ toirt ort cuimhneachadh air duine sam bith, no a bheil thu eòlach air duine sam bith a tha a’ faireachdainn an dearbh aghaidh ris an dàn seo?
- A bheil thu ag aontachadh gu bheil “aineolas as fheàrr”?
- Dhùtsa, dè th’ ann an “caol dheireannach an uisge guirm”?
- Nan robh thu fhèin a’ sgrìobhadh an dàin seo, an canadh to na h-aon rudan?
Aig Ceithir Fichead (Edwin Morgan)
Cuiribh am bàta air bhog, a chompañeros,
Cuiribh air bhog i, às bith cor na mara.
Cò tha ag ràdh nach toir sinn stiùir dhuinn fhìn
tro riofannan air goil, dubh ’s gu bheil iad,
nì an nàmhaid dhuinn uile cinnteach às!
A mharaichean, cumaibh fàire an-còmhnaidh
airson caol deireannach an uisge ghoirm
mun cuala sinn is e fàd às
(gun diofar mura faigh sin air, gun diofar!)
san fhiodhrach againn aig ceithir fichead
eu-dìon is air a chàradh, ach milis
saillte le fàileadh fiodha
mearaichte ach fhathast ri chleachadh
gun crìoch air cùbhraidheadhd
salainn is boillsgeadh balgach grèine. A-mach,
putaibh a-mach e do dh’àit’ ur n’ aineol!
Aineolas as fhèarr, as fheàrr gar tàladh,
mar longan fad às sa cheò, no clagan
a’ seirm gun truas à fleodrainnean siantach.
Tòisich a sgrìobhadh
- Sgrìobh mu àm nuair a shaoil thu gun tachradh rudeigin ‘san àm ri teachd’, ach thachair e na bu tràithe no na b’ anmoiche na bhathas an dùil
- Sgrìobh dàn no corra rosgrann nad ghuth fhèin aig aois 80 no nas aosta. Dè a’ chomhairle a bhios tu a’ toirt seachad?
- Cleachd a’ chiad loidhne, mar a tha e, “Cuiribh am bàta air bhog”, no cuir bun os cionn e le “Na cuiribh am bàta air bhog”, agus sgrìobh dàn a’ toirt comhairle dhut fhèin is tu nas òige.
- Smaoinich air a’ mhìneachadh agad fhèin air an àm ri teachd agus air na h-amasan agad, agus tòisich pìos le briathran Mhorgain
Caol deireannach an uisge ghoirm...
San fhiodhrach againn aig ceithir fichead…
Cò tha ag ràdh nach toir sinn stiùir dhuinn fhìn…
Cuir thugainn do sgeulachd
Mar phàirt den phròiseact sgrìobhaidh bhliadhnail againn – Na Sgeulachdan Agaibhse(this will open in a new window) – tha sinn ag iarraidh air daoine air feadh na h-Alba fìor sgeulachdan no sgeulachdan mun àm ri teachd nam mac-meanmna a chur thugainn, a’ togail air cuspair na bliadhna. Ged nach eil thu air dad a sgrìobhadh roimhe, tha sinn airson cluinntinn bhuat. Dh’fhaodadh do sgeulachd a bhith sgrìobhte no air a chlàradh le fuaim no bhidio. Dh’fhaodadh tu sgeulachd, dàn dealbh-chluich, litir no fiù ’s sreath comaig a sgrìobhadh. Chòrdadh e rinn sgeulachdan fhaighinn ann an Albais agus Gàidhlig cuideachd.
Thèid a h-uile pìos a chur air an làraich-lìn againn(this will open in a new window), agus thèid taghadh dhiubh fhoillseachadh ann an leabhar an-asgaidh airson Seachdain Leabhraichean na h-Alba, a’ comharrachadh leughadh agus leabhraichean air feadh na dùthcha.