Looking for more in Articles?

Toisich a sgrìobhadh

A h-uile latha bidh sinn a’ coimhead ris an àm ri teachd, a’ meòrachadh air dè thachras nar beatha.

Last updated: 13 May 2020

Do chuid againn, is e cothrom a th’ ann, is tha sinn dòchasach gun tig piseach oirnne, air ar luchd-gaoil is air ar coimhearsnachdan.

Eacarsaich bhlàthachaidh: stòras fhaclan

Air pìos pàipeir, sgrìobh “a dh’fhalbh”, “an-diugh” agus “ri teachd” aig mullach trì colbhan.

Airson airson mionaid no dhà cuir na faclan a tha a’ tighinn a-steach ort sna diofar cholbhan. Bheir seo beachdan feumail dhut airson do sgeulachd. An gabhadh cuid de na faclan a ghluasad gu colbhan eile? Carson a tha cuid a dh’fhaclan nas freagarraiche ann an aon cholbh an àite colbh eile? An gabhadh loidhnichean a tharraing eadar na colbhan gus abairtean ùra a chruthachadh? Am b’ urrainn dhut dàn a sgrìobhadh a tha a’ cleachdadh cuid de na faclan is na h-abairtean seo?

Meòrachadh: Rudan a bheir buaidh air an àm ri teachd

“Cha tàinig sinn an seo le feagal ron àm ri teachd. Thàinig sinn airson a chruthachadh.” Barack Obama

Sgrìobh liosta de rudan a tha air ar saoghal atharrachadh. Cuir na rudan seo ann an òrdugh bho aosta gu ùr (bhon chuibhle gu fònaichean-làimhe), a rèir meud (bho mheanbh-sgealb gu saidealan) agus a rèir cho feumail ’s a tha iad (bho anti-biòtaig gu app parcaidh). Ciamar a tha iad coltach ri chèile? Ciamar a tha iad diofraichte?

Dè na h-innleachdan mòra nach mair san àm ri teachd? Carson nach mair? Ciamar a tha iad coltach ri chèile?

Toisich a sgrìobhadh

Tha an t-àm ann airson tarraing air na smuaintean, faclan agus ìomhaighean a chruthach thu, agus airson sgrìobhadh! Seo smuaint no dhà airson do bhrosnachadh.

Smaoinich air na h-innealan, coimpiutairean no teicneòlas a dh’fhaodadh a bhith againn an ceann 20 bliadhna, agus mar a dh’atharraicheas iad ar dòigh-beatha. ‘Cha tàinig e a-steach oirre riamh gum biodh an rud seo na chuideachadh dhì, is i an-dràsta ann an èiginn…’

Smaoinich air rudeigin a bheireadh buaidh mhòr oirnn – atharrachadh beag no mòr…

Sgrìobh marbhrann airson rudeigin nach bidh againn tuilleadh san àm ri teachd, ged a tha e feumail dhuinn air dòigh air choreigin an-diugh.

Cuir thugainn do sgeulachd

Mar phàirt den phròiseact sgrìobhaidh bhliadhnail againn – Na Sgeulachdan Agaibhse – tha sinn ag iarraidh air daoine air feadh na h-Alba fìor sgeulachdan no sgeulachdan mun àm ri teachd nam mac-meanmna a chur thugainn, a’ togail air cuspair na bliadhna. Ged nach eil thu air dad a sgrìobhadh roimhe, tha sinn airson cluinntinn bhuat. Dh’fhaodadh do sgeulachd a bhith sgrìobhte no air a chlàradh le fuaim no bhidio. Dh’fhaodadh tu sgeulachd, dàn dealbh-chluich, litir no fiù ’s sreath comaig a sgrìobhadh. Chòrdadh e rinn sgeulachdan fhaighinn ann an Albais agus Gàidhlig cuideachd.

Thèid a h-uile pìos a chur air an làraich-lìn againn, agus thèid taghadh dhiubh fhoillseachadh ann an leabhar an-asgaidh airson Seachdain Leabhraichean na h-Alba, a’ comharrachadh leughadh agus leabhraichean air feadh na dùthcha.

Cuir thugainn do sgeulachd

More Articles from Creative writing