Gaelic New Writers Awards 2018: Calum MacFhionghain / Calum MacKinnon

Fiction

Tha Calum agus a cho-sgrìobhadair, Seonag Monk, an dèidh a bhith ag obrachadh còmhla air sgriobtaichean telebhisean, rèidio agus àrd-ùrlar airson còrr math ’s fichead bliadhna, agus tha iad air grunn dhuaisean a thogail air an t-slighe, lethid an duais chliùmhor airson Best Entertainment aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach 2014 airson Dà Là san Dàmhair.

Tha Calum air dà sgeulachd ghoirid agus pìos bàrdachd fhaighinn ann an clò ach ’s e seo a’ chiad uair aige feuchainn air nobhail a sgrìobhadh. Tha e a’ coimhead air adhart ri saoghal comadaidh fhàgail gu aon taobh agus feuchainn air cuspair a tha na tharraing mhòr dha – os-nàdar.

--

Calum, along with his writing partner Seonag Monk, have worked on scripts for television, radio and theatre projects for over twenty years. They have picked up a number of awards along the way, including the prestigious Best Entertainment Award at the 2014 Celtic Media Festival for Dà Là san Dàmhair (Two Days in October).

Calum has also enjoyed success on his own with two short stories and a piece of poetry in print, however, this will be his first venture into novel-writing. He is looking forward to leaving the world of comedy to one side and focusing on his other great passion – the supernatural.

 

Writing sample

’S ann tràth sa bhliadhna 1985 a chuala mi an toiseach an t-ainm, Ceit a’ Ghlinne. ’S bheag for a bha agam aig an àm, agus mi tighinn suas gu sia bliadhn’ deug, an droch bhuaidh a bhitheadh aice air mo bheatha agus, ma tha mi airson na sgeulachd agam innse gu h-onarach agus gu fìrinneach, cuideachd air mo shlàinte-inntinn, gun ghuth air thoirt air mo chreideamh spioradail.

Tha e furasta gu leòr gabhail ris gum bitheadh droch bhuaidh aig aon phearsa air cuideigin air choireigin eile, tha sinn ga fhaicinn tric gu leòr eadar pàrant agus pàiste, fear is bean, agus fiù ’s daoine a tha ag obair còmhla. Ach a bheil e nàdarra agus reusanta gu bheil an droch bhuaidh a tha sin fhathast a’ bualadh air Chrìosdaidh beò san là an-diugh bho chreutair a’ bhàsaich ann an 1892?

Tha mi an dòchas leis gu bheil mi a’ cur mo sgeul sìos air pàipear, gum faigh sibhse a tha leughadh seo, ach cuideachd mi fhìn, tuigse air na thachair dhomh, beagan fuasglaidh air dè dh’adhbhraich na cùisean iargalta seo, agus ’s dòcha soilleireachd air ciamar a ghabhas dèiligeadh ris. Tha fhios ’m le cinnt nach tig e le pileachan làidir on dotair, faclan socair bho saidhc-eòlaiche no ùrnaigh guidh gach oidhche, oir chan eil iad air mòran feum a dhèanamh dhòmhsa - gu ruigeadh seo co-dhiù.

Chan eil fhios agamsa ciamar a ghabhas na thachair dhomh a mhìneachadh agus ciall a dhèanamh dheth. Tha m’ inntinn an dèidh a bhith strì ris fada gu leòr gun cus fuasglaidh fhaighinn air, ach tha beachd agam a-nist gur e freagairt os-nàdarra a dh’fheumas a lorg.

 

Calum says:

"Tha mi uabhasach moiteil agus pròiseil gun deach mo thaghadh airson na duais a tha seo agus ’s e cothrom air leth a th’ ann. Tha mi gu mòr a’ coimhead air adhart ri sgrìobhadh ann an stoidhle dhiofraichte airson meadhan nach do dh’fheuch mi air riamh roimhe."

--

"I’m extremely proud that I was chosen for this award and it is a wonderful opportunity. I’m really looking forward to writing something in a completely different style, in a medium I’ve never tackled before."