Companas Robert Louis Stevenson 2019

Tha tagraidhean airson a’ chompanais 2019 fosgailte gu làithreach. Cuir tagradh a-steach ro mheadhan-latha, Diciadain 30 Faoilleach 2019.

Le taic bho Alba Chruthachail, tha sinn air leth toilichte cothrom a thabhann do sgrìobhadairean proifeiseanta a tha a’ fuireach ann an Alba, tagradh airson Companas Robert Louis Stevenson 2019. Tha ceithir companasan ri fhaotainn, a’ ceadachadh do sgrìobhadairean tlachd a ghabhail à còmhnaidheachd fad mìosa ann an Ionad Ealain Eadar-nàiseanta Taigh-Osta Chevillon aig Grez-sur-Loing san Fhraing, tron Ògmhios, Iuchar, Lùnastal no Samhain.

Sgrùd na slatan-tomhais ion-roghnachd airson 2019, faigh a-mach tuilleadh mu Cho-phàirtichean 2018 no cuir a-steach tagradh an-dràsta.

 

Dè bhios Co-phàirtichean a’ faotainn?  

Gheibh gach sgrìobhadair àite-fuirich fad mìos ann am flat stiuidio fèin-fhrithealaidh agus tuarastal de £1,200. Thèid cosgaisean siubhail don Fhraing agus às an Fhraing a phàigheadh cuideachd.

Tha an Companas a’ toirt tìde do sgrìobhadairean cinnteachadh air an obair ’s an obair a leasachadh agus tìde a chur seachad le luchd-ealain eile, fhad ’s a tha iad a’ fuireach agus ag obair ann an àrainneachd shìtheil agus bhrosnachail.

 

Slatan-tomhais inntrigidh do Chompanas Robert Louis Stevenson 2019

Slatan-tomhais tagraidh:

  • A’ fuireach ann an Alba.
  • Nad sgrìobhadair gnìomhach agus a’ coileanadh slatan-tomhais ion-roghnachd stòr-dàta Litreachas Beò.  
  • Comasach air na cinn-latha agus amannan ainmichte a fhrithealadh. 
  • Ma tha thu fèin-fhoillsichte, cuir fios gu applications@scottishbooktrust.com airson tagradh a chur a-steach. Feuch gum fàg thu tìde gu leòr airson seo a dhèanamh.  
  • Chan eil oileanaich ion-roghnach don chothrom seo. 
  • Chan urrainn dhut a bhith a’ faotainn maoineachadh bho Alba Chruthachail don phròiseact air a bheil thu a’ planadh obrachadh rè an ratreuta.  

Chan fheum thu a bhith clàraichte air stòr-dàta Litreachas Beò airson tagradh, cho fada ’s a tha thu a’ coileanadh nan slatan-tomhais.

Faodaidh sgrìobhadairean le cliù susbainteach mar sgrìobhadair taobh a-muigh Alba, agus a-nis a’ fuireach ’s ag obair ann an Alba, tagradh mar as roghnach do Urras Leabhraichean na h-Alba. Ma tha dleastanasan cùraim/cùram-chloinne ort agus gu bheil cosgais na chnap-starra don Chompanas a fhrithealadh, feuch gun dean thu conaltradh ri caitrin.armstrong@scottishbooktrust.com

 

Mar a nì thu tagradh

Cliog an ceangal Submittable airson ar foirm tagraidh air-loidhne a lìonadh agus cuir a-steach e ro mheadhan-latha, Diciadain 30 Faoilleach 2019. Tha sinn a’ moladh dhut do fhreagairtean a sgrìobhadh ’s a shàbhaladh ann am pàipear dheth-loidhne airson do clàran fhèin. Ceistean sam bith? Cuir post-d, mas e do thoil e, gu applications@scottishbooktrust.com 

submit

Mu dheidhinn Grez-sur-Loing

Tha Grez-sur-Loing suidhichte aig oir Coille Fontainebleau san Fhraing, agus chaidh a thaghadh air sgàth a cheanglaichean ri Robert Louis Stevenson, a thadhail ann an toiseach ann an 1875. B’ ann an sin aig Taigh-òsta Chevillon, a choinnich e ri a bhean, Fanny Osbourne. Bha Stevenson a’ faighinn an àite agus na coimhearsnachd de sgrìobhadairean is luchd-ealain fad-stèidhichte, anabarrach tarraingeach agus thill e gu Grez-sur-Loing airson trì samhraidhean às dèidh a chèile.  

Tha an Taigh-òsta Chevillon air a ruith le Stèidheachd Stiftelsen san t-Suain.

 

Ìomhaigh © Stiùbhart A. MacPhàdraig