Gaelic New Writers Awards 2012: Sgrìobhadairean Ùra Gàidhlig 2012

Ann an co-bhuinn ri

Gaelic Books Council

Ma tha feumalachdan sònraichte agaibh a thaobh ruigsinneachd, cuiribh fios thugainn agus nì sinn ar dìcheall taic a thoirt dhuibh. Tha am fiosrachadh seo ri fhaighinn ann an riochdan eadar-dhealaichte, clò garbh nam measg, ma thèid iarraidh.

Tha sinn a’ sireadh dà sgrìobhadair tàlantach, dìcheallach airson pàirt a ghabhail san sgeama Sgrìobhadairean Ùra Gàidhlig 2012. Gheibh na Sgrìobhadairean Ùra taic‑airgid luach £2,000 a bheir dhaibh cothrom ùine a chur seachad a’ sgrìobhadh. Obraichidh sinn gu dlùth le na Sgrìobhadairean Ùra thairis air an ath bhliadhna, a’ cur air dòigh taic leasachaidh proifeiseanta agus an cothrom coinneachadh ri àidseant agus foillsichearan.

Luchdaich a-nuas an clàr-iarrtais 

Ceann-latha

Dihaoine 25 Samhain 2011 (meadhan-latha)

An Tabhartas Taice

Bheir Urras Leabhraichean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean seachad taic-airgid luach £2,000 uile-gu-lèir, a bharrachd air taic leasachaidh proifeiseanta fa leth. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh an taic sin a bhith a’ gabhail a-steach oideachadh bho sgrìobhadair stèidhichte, dealbhachadh leasachaidh proifeiseanta no seisean comhairleachaidh le foillsichear/àidseant. Bidh Urras Leabhraichean na h-Alba cuideachd a’ cur air dòigh cothrom dhan na Sgrìobhadairean Ùra coinneachadh ri foillsichearan agus àidseantan, agus thèid aig na sgrìobhadairean an cuid obrach a thaisbeanadh aig tachartas leughaidh.

Bidh trì mìosan aig na Sgrìobhadairean Ùra airson an cuid sgrìobhaidh ullachadh mus coinnich iad ri riochdairean bho Urras Leabhraichean na h-Alba agus bho Chomhairle nan Leabhraichean airson beachdachadh air an taic leasachaidh proifeiseanta a tha a freagairt orra.

Slatan-tomhais

Faodaidh sgrìobhadair sam bith nas sine na 18 bliadhna tagradh a chur a-steach, fhad ’s a tha iad a’ coileanadh na slatan-tomhais a leanas:

  • Chan fhaod thu a bhith air nobhail, leabhar de rosg neo-fhicsean (m.e. eachdraidh-beatha) no cruinneachadh de sgeulachdan goirid no bàrdachd fhoillseachadh. Ach, ma ’s tu fhèin a-mhàin a dh’fhoillsich do chuid sgrìobhaidh, faodaidh tu fhathast tagradh a chur a-steach.
  • Feumaidh tu dearbhadh gu bheil miann làidir agad adhartas a dhèanamh ann an dreuchd sgrìobhaidh.
  • Feumaidh tu a bhith a’ fuireach agus ag obair ann an Alba.

Chan eil e ceadaichte dhut tagradh a chur a-steach ma tha gin dhe na puingean gu h‑ìseal a’ freagairt ort:

  • Tha thu mar-thà air Bursaraidh Sgrìobhaidh Chomhairle nan Ealain no Duais Sgrìobhadairean Ùra a chosnadh.
  • ’S e sgrìobhadair a th’ annad a tha clàraichte air stòr-dàta Live Literature Funding (faodaidh sgeulaichean tagradh a chur a-steach airson taic le sgrìobhadh ma tha iad a’ coileanadh na slatan-tomhais).
  • Tha thu airson a bhith ag obair gu sònraichte air dealbhan-cluiche airson an àrd-ùrlair, film no rèidio.
  • Tha thu an sàs ann an cùrsa foghlaim foirmeil (tha seo a’ gabhail a-steach an sgoil, cùrsaichean oilthigh no colaiste, an dà chuid pàirt-ùine agus làn-ùine. Ma tha thu a’ gabhail pàirt ann an sgoil shamhraidh, clasaichean oidhche no foghlam coimhearsnachd, faodaidh tu cur a-steach). Ma ghabhas tu àite air cùrsa foghlaim foirmeil rè ùine an sgeama, feumaidh tu an duais a thilleadh agus tarraing às a’ phrògram. Chan eil an riaghailt seo a’ buntainn ri oileanaich PhD, a tha ceadaichte tagradh a chur a-steach.

Measadh

Thèid tagraidhean a mheasadh le pannal air a tharraing bho riochdairean Chomhairle nan Leabhraichean. Airson cothromachd aig ìre mheasaidh, bidh ainmean nan tagraichean air fad air an cumail dìomhair bhon phannal – chan fhaic iad ach na h‑ainmean-pinn a thagh na tagraichean. Gheibh tagraichean fios mu co-dhùnadh a’ phannal tràth anns a’ Bhliadhn’ Ùir 2012.

Tagraidhean

Bu chòir tagraidhean a chur air post-d gu: caitrin.armstrong@scottishbooktrust.com.

Cuiribh ‘Sgrìobhadairean Ùra Gàidhlig’ agus ur n-ainm mar chuspair a’ phuist-d.

Bu chòir do luchd-tagraidh às aonais puist-d, clàr-iarrtais clò-bhuailte a chur gu:

Caitrin Armstrong

Manaidsear Leasachaidh Sgrìobhadairean

Urras Leabhraichean na h-Alba

Sandeman House

Trunk's Close

55 High Street

Dùn Èideann

EH1 1SR

CHA BHI STUTH SAM BITH A THIG A-STEACH AIR A THILLEADH

Thèid tagraidhean a stòradh gu sàbhailte airson 6 mìosan mus tèid cur às dhaibh. Bidh do sheòladh is do phost-d air an gleidheadh air an stòr-dàta againn mura h-iarr thu oirnn an toirt dheth. Cha bhi am fiosrachadh sin air a thoirt seachad gu buidheann sam bith eile.

Ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh an sgeama seo, cuiribh fios gu:

Caitrin Armstrong, Manaidsear Leasachaidh Sgrìobhadairean

0131 524 0177

caitrin.armstrong@scottishbooktrust.com

 

AttachmentSize
Application__Form_Gaelic.doc70.5 KB