Looking for more in Bookbug Song and Rhyme Library?
Plaide Bhlàth
Plaide Bhlath lyrics
'S e oidhche fhuar, shàmhach a th' ann.
Is tha na h-eòin a-nis nan cadal.
Tha a’ ghrian mhòr bhuidhe sna speuran
Air falbh o chionn fhada,
Bidh na coineanaich is na crodh
a' cunntadh chaoraich nan aislingean.
Caidlidh thu gu socair a-nochd.
Ann am plaide bhlàth, m'eudail,
Bidh a' mhadainn ùr soilleir is blàth
Is seinnidh na h-eòin gu socair
Tillidh a’ ghrian o a turas
A’ deàrrsadh gu h-àrd.
Bidh na coineanaich agus an crodh
A' cunntadh chaoraich nan aislingean.
Caidlidh thu gu socair a-nochd.
Ann am plaide bhlàth, m'eudail
Ann am plaide bhlàth, m'eudail.
Written by James Hind and performed by James Hind and Thomas Hind.