Iseabail NicIlleathain

Biography
'S e Gaidheal òg à Barraigh a th' ann an Ishi NicIlleathain a rinn ceum ann an Lagh ann an Obar Dheathain agus darna ceum ann an Cànan ‘s Cultar na Gàidhlig ann an Sabhal Mòr Ostaig. ‘S ann aig an t-Sabhail Mhòir a leasaich i an ùidh a bh’ aice a-riamh ann an litreachas na Gàidhlig agus a chuir i roimhpe na sgilean sgriobhaidh aice fhèin a thoirt air n-adhart. Tha Ishi air eòlas a chur air sgrìobhadh an dà chuid a thaobh film ‘s telebhisean ‘s o chionn ghoirid tha i air an eòlas sin a chur an gnìomh ann a bhith a’ sgrìobhadh rosg Gàidhlig. An-dràsta, tha Ishi ag obair anns na meadhanan Gàidhlig a’ sgrìobhadh ‘s a riochdachadh phrògraman chloinne.
A native Gaelic speaker from Barra, Ishi MacLean is a graduate in Law from Aberdeen University and has a second degree in Gaelic Language and culture from Sabhal Mòr Ostaig. It was at the Gaelic college in Skye that Ishi fully embraced her interest in Gaelic literature and set about developing her own writing skills. Since then Ishi has had training and experience in writing for both film and television, a knowledge that she has recently been striving to apply to Gaelic prose. Currently Ishi is working in the Gaelic media writing and producing children’s programmes.
Writing Sample
Dh’èist e ri mar a bha i a’ cur a teanga mu
thimcheall nam facal ged nach robh dad a bha i
ag ràdh a’ drùidheadh a-staigh air. Bha na bliadhnaichean
fada ud a chuir i seachad air tìr-mòr air
blas car coimheach fhàgail air a’ chainnt aice;
ach mar bu mhotha a chuala e bhon choigreach
seo na suidhe ma choinneimh ’s ann bu mhotha
a dh’fhàs na faireachdainnean a bha e air a bhith
a’ mùchadh fad nam bliadhnaichean a dh’fhalbh.
Bha e airson sealladh dhith fhaighinn ach cha
robh a chead aige. Bha e air a ghlacadh leis an
t-saoghal aonaranach seo: saoghal a shaoil e aig
aon àm a bheireadh faochadh dha; faochadh a
bha e fhathast a’ feitheamh. Aig an àm ud bha e
a’ lorg rudeigin a dhùineadh a shùilean ’s inntinn
don h-uile rud a chaill e ’s a chuireadh air slighe
eile e a dh’ionnsaigh gaol as ùr. ’S iongantach mathà
gur e seo an aon rud a bha a-nis eadar e fhèin
’s an sealladh a bha e a’ feuchainn ri dhubhadh à
inntinn.
Comment
" 'S e fìor thlachd 's urram a th' anns an duais a tha seo agus tha mi làn dhòchas an cothrom co-cheangailte ris a gabhail os làimh 's cur ri litreachas na Gàidhlig".
"I am pleased and honoured to have received this award and hope that I can make a valuable contribution to the rejuvenated world of Gaelic publishing".

