Looking for more in Book Lists?

15 brilliant books in Gaelic

Language: Gaelic
Genre: Fiction, Non-fiction, Poetry, Scotland
Age group: Adults
Topics: Gaelic

A great mix of poetry, fiction, drama and non-fiction Gaelic writing compiled by The Gaelic Books Council(this link will open in a new window). The Gaelic Books Council (Comhairle Nan Leabhraichean) is an organisation dedicated to supporting the development of Gaelic writing, authors and publishing and stimulating interest in Gaelic books and other related materials. We work with them to award the Gaelic New Writer's Award every year.

Ruairidh MacIlleathain Tàcharan Mhealbhaigh

Tha Mealbhaigh na eilean beag suidhichte ann an sealladh nan lochan-mara as drùidhtiche air taobh an iar na Gàidhealtachd. Tha sìth agus sonas nan eileanach air am briseadh le uachdaran ùra a nochdas ann an 1932, agus planaichean dìomhair aca airson factoraidh a thogail ann a dh'fhaodadh cron mòr a dhèanamh air an Rìoghachd Aonaichte. Taiceil do Nadsaidheachd, agus nan caraidean aig an dà chuid, Adolf Hitler agus ball ainmeil de Theaghlach Rìoghail Bhreatainn, tha na Mainwarings a' tighinn fo sgrùdadh eileanaich a th' air fhastadh le seirbhis-bhrathaidh. 'S esan a dh'innseas an eachdraidh dhuinn. Tha pàiste, a th' air a bhreith san eilean, aig meadhan stòiridh iom-fhillte, agus ceist mhòr ann mu cò b' athair dha. Ma tha e a' tighinn mar 'Tàcharan', tha e a' falbh mar taibhs agus, bho thaobh thall a' chuain, tha e a' cumail ùghdarrasan Bhreatainn air an corra-biod. Ach a bheil e a' riochdachadh olc no maitheas?

Niall O’Gallagher Fo Bhlàth

Tha an treas cruinneachadh den bhàrdachd aig Niall O’Gallagher làn rudan a dh’fhàsas gun rian no iarraidh agus am bàrd a’ faicinn a’ bhòidhcheid anns na blàthan as lugha. Cuirear an t-seann bhàrdachd ri ceòl ùr ann an sreath de Dhàin do Chlàrsaich agus cluinnear sgeulachd bho bheatha nan naomh ann an Ceann-tighearna, sreath sonaide ùr a rinneadh às dèidh mar a chaidh ainmeachadh mar Bhàrd Baile Ghlaschu. Bàrdachd thaitneach, dhrùidhteach agus ealanta a tha a’ sìor fhàs.

Michelle NicLeòid Dràma na Gàidhlig

Cruinneachadh de ochd dealbhan-cluiche Gàidhlig bho thoiseach an 20mh linn gus an latha an-diugh, le ro-ràdhan do na sgrìobhaichean-dràma agus do eachdraidh tèatar na Gàidhlig. Na dealbhan-cluiche: Rèiteach Mòraig – Iain N. MacLeòid; Am Fear a Chaill a Ghàidhlig – Iain MacCormaig; Ceann Cropic – Fionnlagh MacLeòid; Tog Orm Mo Speal – Iain Mac a’ Ghobhainn; Òrdugh na Saorsa – Tormod Calum Dòmhnallach; Sequamur – Dòmhnall S. Moireach (a’ Ghàidhlig le Catrìona Dunn); Scotties – Muireann Kelly, le Frances Poet; Bana-Ghaisgich – Màiri Nic’IlleMhoire.

Dòmhnall Eachann Meek Seòl Mo Bheatha

Tha a’ mhòr-chuid eòlach air Dòmhnall Eachann Meek mar sgoilear a chuir seachad a bheatha ann an àrd-fhoghlam nan oilthighean air tìr-mòr. Ann an Seòl Mo Bheatha, ged tha, chan ann air àrd-fhoghlam as motha a tha a shealladh, ach air an dlùth-cheangal a bha aige riamh ri croit a shinnsirean anns a’ Chaolas ann an Tiriodh, far an deachaidh athair fhàgail na ghille beag nuair a rinn a phàrantan imrich do Chanada ann an 1913. Tha e ag innse mu obair na croite, na seann daoine le sàr Ghàidhlig a bha san dachaigh, na coimhearsnaich agus a’ choimhearsnachd a b’ aithne dha na òige, agus na h-atharrachaidhean mòra a thàinig orra uile. Tha dealbhan a’ sgeadachadh an teacsa.

Iain F. MacLeòid Hiort

Nobhail eucoir bho Iain F. MacLeòid. Nuair a gheibhear corp nighean òg air na h-Eileanan Flannach, tha e coltach gu bheil cùisean gu math dòrainneach air a bhith a’ dol air adhart. Thèid iarraidh air D.I. Cameron rannsachadh a dhèanamh, còmhla ris am pathologist, Kate St John. A rèir coltas a’ chuirp, 's ann bho Hiort a thàinig an nighean. Ach tha car san sgeul. ’S e sgeulachd mu dhìomhaireachd an latha an-diugh a th’ ann, a’ figheadh a-steach beatha nan Hiortach mar a bhiodh e aig toiseach an fhicheadamh linn. Tha ceathramh nobhail Iain F. do CHLÀR a’ toirt iomadh car agus bidh i gad chumail air bhioran bho thoiseach gu deireadh.

Eòghan Stiùbhart Beum-sgèithe

’S e seo a’ chiad chruinneachadh bàrdachd bho Eòghan Stiùbhart, bàrd a tha air iomadh duais a chosnadh thar nam bliadhnaichean. Tha a’ bhàrdachd aige aig an aon àm traidiseanta agus ùr-nòsach, a’ cur ìomhaighean bho nàdar còmhla ri cuspairean leithid poilitigs, cultar, gaol agus bàs.

Alasdair C. MacIlleBhàin Maim-Slè

‘Dar a thig an t-uisge gu grad’ – mar a tha ‘maim-slè’ air a mhìneachadh air bileig san tasgadh DASG (Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig) aig Oilthigh Ghlaschu. San leabhar ùr seo de dhràma, bhàrdachd agus rosg, tha Alasdair C. MacIlleBhàin à Muile (Tosgaire na Bliadhna 2019) a’ rùrachadh èiginn na gnàth-chànain agus èiginn na gnàth-shìde, am fochair ealain ùir le Alice NicBhatair. ’S e an leabhar seo an treas meur de cho-obrachadh eadar Theatre Gu Leòr agus an còmhlan WHYTE agus e dlùth-cheangailte ri dealbh-chluich, MAIM (2020), agus clàr-ciùil, cuideachd don ainm MAIM (2021).

Angus Macleod Às a’ Chamhanaich

Sgrìobhte ’sa Ghàidhlig, tha dusan sgeulachdan ghoirid ’sa chiad nobhail grafaig aig dealbhadair sgrìobhadair Aonghas MacLeòid á Ceap Breatainn. Tha buaidh nan seann sgeulachdan, eachdraidh is seann chreideamhan a bhuineas do na Gàidheil agus mac-meanma an ùghdair ri ‘m faighinn ann an gach sgeul. Rugadh is thogadh Aonghas MacLeòid ann an Còbh Anndra Ceap Breatainn, far a bheil e fhathast a’ fuireach. Thàinig a mhuinntir á Leòdhas agus ás na Hearadh. Tha e air a bhith ann an grunn de dh’fhiolmaichean Gàidhlig, “Faire Chaluim Mhic Leòid” ’nam measg. Tha e ’g obair a nis le Explore Gaelic a’ teagasg na Gàidhlig air loidhne. Còrdaidh e ris a bhith ri ghàirneilearachd ’s ri obair mu ’n cuairt air a’ bhaile fearainn a bh’ aig a phàrantan ’s tha e ro mheasail air òrain Gàidhlig.

Catrìona Mhoireach Doras Gun Chlàimhean

For the first time, a bilingual anthology of the poems and songs of the Gaelic poet Murdo MacFarlane from Lewis, the Melbost Bàrd, is available in one volume. In addition to his verse, which covers war, emigration, heritage, language and philosophy, a selection of MacFarlane's other writings in Gaelic and in English, is included. ACD featuring MacFarlane singing a selection of his Gaelic songs serves as a portal to the unique voice of the bàrd. The collection cements his standing as a celebrated Gaelic tradition bearer and language activist of the twentieth century and is a unique and valuable contribution to Gaelic literature.

Graham Cooper An Ròs a Leigheas

Alba, am Foghar 1513. An dèidh dha taibhse fhaicinn ann an Glinn Iucha, tha Rìgh Seumas a Ceithir dealasach gu falbh air taistealachd a Bhaile Dhubhthaich mus dèan e ionnsaigh air Sasainn. Na chuideachd, bidh Mgr Eanraig Leich, an lannsair pearsanta aige, agus an t-amadan as fheàrr leis, Tòmas. Bidh càirdeas a’ sìor fhàs eadar an triùir fhear fhad ’s a tha iad air chuairt a Bhaile Dhubhthaich agus, an uair sin, a’ marcachd a Northumberland fada gu deas. Ach bidh teagamhan agus droch mhanaidhean gam buaireadh mus tig latha mòr a’ chatha air Blàr Flodden.

Iain Fionnlagh MacLeòid An Taistealach

Is e an Taistealach an tè mu dheireadh às an t-saoghal aice, a' siubhal tro thìm is farsaingeachd a' lorg dachaigh ùr. Tha e fa-near dhi clann a bhreith agus an cinnead aice a thoirt air adhart, ach chan eil i na h-aonar. Tha creutairean eile an seo, dà threubh dhiubh, agus cunnart air gach taobh dhith.

Ruairidh MacIlleathain Cha Till Mise

Nuair a bha Ruaraidh G MacIlleathain a' fàs suas ann an Glaschu anns na seasgadan, chanadh a mhàthair ris gach 31 Dùbhlachd, 'Chaidh Daibhidh a chall air na Russian Convoys' - dìreach na faclan sin. B' e co-ogha dha mhàthair a bha ann an Daibhidh. Bha e 22 bliadhna a dh'aois. B' e an aon fhiosrachadh a bha aig an teaghlach gun deach soitheachDhaibhidh, HMS Achates, fodha ann am Muir Bharents, 31 Dùbhlachd 1942. cha d' fhuair iad a-mach a-riamh dè thachair dhan a' bhalach òg à Bhatarnais san Eilean sgitheanach. An deach a bhàthadh? An deach a mharbhadh le slige Ghearmailteach? Ach, a-nis, an dèidh rannsachadh agus thurchartasan iongantach, gabhaidh sgeulachd Dhaibhidh innse. Tha an leabhar seo a' toirt sùil mhionaideach air na conbhoidhean dhan Ruis, agus mun ghaisgeach a bha ri fhaicinn ann am Blàr Mhuir Bharents, a' mhadainn ud ann an 1942.

Coinneach Lindsay A’ Choille Fhiadhaich

B' esan an caraid a bh' fheàrr aice san sgoil. Dè an diofar nan robh a' chlann eile a' magadh oirre? Bha Anna toilichte le Pipkin, caraid a mac-meanmna. Ach dh'fhàs i mòr agus dh'fhalbh càirdeas a h-òige. Bha e nas spòrsail a bhith a' conaltradh le fìor bhalaich air an eadar-lìon, gus an latha a ruith an dealan a-mach. Bhon uair sin tha saoghal Anna air tuiteam às a cèile. An taigh na theine, a pàrantan marbh agus Pipkin air tilleadh.

Mòrag Anna NicNèill Granaidh Afraga

Tha Fionnlagh 's a charaid Calum Dan a' fuireach ann am baile beag ri taobh na mara. A rèir pàrantan Fhionnlaigh, dh'fhalbh a ghranaidh a dh'Afraga bho chionn deich bliadhna. Tha fadachd air Fionnlagh gun till i ach an coinnich e rithe is uimhir aige ri fhaighneachd dhi. 'S ann ainneamh a bhios iad a' bruidhinn mu deidhinn a-staigh agus tha sin ga fhàgail amharasach ach dè dha-rìribh an seòrsa creutair a th' innte. Latha a bha seo nach do nochd i air ais sa bhaile, ach 's beag a bha dhùil aig Fionnlagh ris na bha roimhe. . .

Alistair Paul Linne Dhomhain

Le car beag de fhreastal thig cruth-atharrachadh air beatha. ’S ann mar sin a lorgar gaol ann an àite-pàircidh, cuideachd an cois parsail a thèid a lìbhrigeadh dhan doras cheàrr, agus rùn teaghlaich a chuireas beatha bun os cionn an cùl drathair. Caillear dotair òg san t-sneachda às dèidh ran-dan na Nollaige. Gheibhear cothrom air dìoghaltas air bòrd aiseag CalMac. Thig an t-àm a dh’fhalbh beò am broinn cafaidh ann an Eilean Bhòid is èiridh na mairbh aig cèilidh. Sin dìreach cuid de na suidheachaidhean neo-àbhaisteach anns an lorg caractaran àbhaisteach iad fhèin is far an tig orra an dòchasan is an deamhainean a rèiteachadh.