2009 Baird agus Beathaichean

Winner - Freya Nic leoid

Runner-Up - Andrew Campbell

Runner-Up - Katie MacInnes

Winner

Rudeigin neònach? by Freya Nic leoid

Rudeigin neònach, le spìocan mòr air a dhruim,
dathach agus beag bìodach.
Earball cho fada ri rùm, suilean mòr orains.

Is caomh leis cluich timcheall, le bàlla no stràibh,
Fàgail a h-uile duine le gàire.
A’ sreap na craobhan, le earball mòr buidhe.

Tha e a’ fuireach ann am mullach nan craobhan,
Ann an leabaidh-crochte na aonar.
Sreap suas is sios is suas is sios  le tòrr neart air fhàgail.

Sios fo an craobh tha tòrr caraidean aige,
‘S e dealanaich a th’ann nuair a tha e a’ ruith.
Tha leanabh beag aige agus tha e dìreach mar e fhein!
  
Tha an leanabh cho beag ri pìos gainmheach,
Tha e le sùilean orains cuideachd.
Spiocan mòr air a dhruim. Tha e a’ fuireach air clach nas motha na e fhèin!

 

Runner-Up

Lachie an leumadair by Andrew Campbell

Lachie an leumadair, leum anns a h-uile àite  
a’ rèis nan caraidean, a’ snàmh gu tìr
Faighinn iasg airson an leanabh aige ith.
 Seachnadh daonachd dona
is toil leis snàmh ri taobh bataichean aiseag,
cha toil le leumadairean iasgairean
 a’ goid agus gam marbhadh. A’ leum cho luath sa s’urrainn dha
gu an taigh aige ann am Melbourne.
Le craiceann gorm agus geal, cho rèidh.
Tha Lachie cho luath ri itealan
Agus cho còir ri do charaid as fhèarr.


Runner-Up

Brodie by Katie MacInnes

Brodie bòidheach an cù agam
Riomhach  agus le tòrr neart aige
Og   agus cho luath  ri dealanach
Dubh agus geal mar siobra! Cho
Iongantach  ri leabhar agus
Eirmseach!