- Babies & Early Years (Bookbug)
- Teens and Young People
- Writers and Publishers
- Learning Professionals
- Meet Our Authors (Children's Book Tours & Events)
- Online Teacher in Residence
- Live Literature funding
- Royal Mail Awards
- More about the Royal Mail Awards
- How To Get Involved
- Shortlisted Books
- Recommended Reading
- Register Now!
- Voting
- Gaelic and Scots Creative Writing Competition
- Reviews
- Royal Mail Awards Events
- Awards Ceremony
- Reading Group Pack
- Shared Reading
- Royal Mail Awards for visually impaired children
- Previous Winners and Shortlisted Books
- Curriculum for Excellence
- Scottish Book Trust Resources
- Adult Learners
- Literature in Learning
- General Readers
- Funders and Sponsors
2008 Gaelic Writing Winners
In 2008 we asked young writers across Scotland to finish a shorty story that had been written by Marie Macaulay featuring Uspaig and S-S.
Winner - Rachel Kate
Second Place - James Morrison
Third Place - Alasdair Domhnallach
2008 Gaelic Prize Winner - Rachel Kate
Uspaig ,S-S air Soar-Laithean Annasach.
Stiùir i a’ bhirlinn gu caladh rèidh ann am broin Caisteal Tioram, leam Uspaig às a bhirlinn agus dh’fhosgail e an doras agus chaidh e a-steach gu rùm mòr le tòrr mòr biadh bho KFC. “Euk! Trobhad gus am faic thu, S-S!” arsa Uspaig. Chaidh S-S a-steach, is leig i sgreuch nuair a chunnaic i am biadh.
“CÒ BHA SGREUCHAIL NA MO CHAISTEAL!!” arsa fuaimhaire mòr! Thàinig cuideigin tiugh, uaine a-steach.
“C-c-cò thusa,” arsa Uspaig le eagal a bheatha!
“Is mise Fang Friseal,” thuirt an duine na bu shocair.
“Trobhad a-steach, faodaidh sibh fuireach airson……….ar biadh,” thuirt e le gaire beag.
“Th..tha sin ceart gu leòr an-drasda,” arsa S-S.
“Tha biadh gu leòr anns an bhirlinn againn.”
“A bheil!” arsa Frang Friseal, “foadaidh sibh coimhead timeachell an caisteal ach na tig suas chun a mhullach.” Chaidh Frang Friseal a-mach agus choisich e chun a bhirlinn.
“Dè bha sin?” arsa Uspaig ri S-S.
“Chan eil fhios agam, chan eil sin gu diofar an-dràsta, trobhad gus an coimhead sinn timcheall,” fhreagair Uspaig.
Choimhead an dithis aca timcheall an caisteal. Chunnaic iad rùm cadal Frang Friseal agus an rùm cluich aige. Nuair a raing iad dòras mullach a chaisteal chiomhead iad ri cheile. “A bheil thusa a’ smaoineachadh an rud a tha mise a’ smoaineachadh,” arsa Uspaig ri S-S.
“Nu-uh! Chan fhoad sinn a dhol dhan an rùm sin!” shanais S-S.
“Chan eil sin gu diofar, trobhad, tha mise dol ann.”
Dh’fhosgail e an doras agus chunnaic e an rud cho eireachdail sa chunnaic e riamh. Bha daoine beaga ann – bha iad a bèicarachd biadh blasta, deanamh aodach mòr ùr agus
a’ sguabadh an làr.
“De bho ghrian a tha seo?” arsa S-S, nuair a chunnaic i na daoine beaga. “Co sibh agus de tha sibh a deanamh an seo?” dh’fhaighnich i.
“Is e sinne na Buile-Ba-Ba agus tha feum againn obair airson Frang Friseal no ithidh e sinn!” arsa aon de na Builean-Ba-Ba, “Feumaidh ainm a bhi air gach fear againn gus am bi sinn soar.”
“Hmmm……..feuchaidh mi ri ar ainmeachadh ma tha,” arsa Uspaig.
Chiosich e gu aon de na Builean-Ba-Ba “ ‘S tusa Bongo!” Leum am Builean-Ba-Ba suas agus sìos ag èigheachd “Tha mi soar!! Tha mi soar!!”
Chum iad a dol – a thoirt ainm dhan a h-uile fear. “Dennis, Madonna …..” ach cha robh e cho furusta or bha 457 Buillean-Ba-Ba- ann agus bha na h-ainmean a fàs nas gòrach agus nas gòrach, “err……..Mango……..erm………Hairy………..err………Thingy………..”
Nuair a bha iad air toirt ainm gu 404 de na Builean-Ba-Ba thàinig Frang Friseal a-steach!
“NOOOOOOOOOOOOOOOOOOOOO!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!
DE THA SIBH A DEANAMH!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!!” dh’èigh Frang Friseal ach bha na Builean-Ba-Ba gu leir soar agus sabhailt.
“Ding-Dong!” Bha cuideigin aig an doras. Cò bha sin ach Amy, Ruairi, Brìde, Ceanard Bord na Gaidhlig agus a Phrìomh Mhinistear.
“DE MU DHEIDHINN AM PÀRTAIDH SEO TÒISEACHADH?”
Bha iad a’ dannsa, a’ gàireachdain agus ag ith’. Nuair a bha am pàrtaidh gu bhith deiseil chaidh aon de na Builean-Ba-Ba suas gu Uspaig”
“Am foad mi ainm ùr fhaighinn?”
“Foadaidh,dè an t-ainm a th’oirt an dràsda?”
“ ‘Se Hairy a th’ann.”
Thòisich a h-uile daoine a gaireachdain.
Second Place - James Morrison
Aaaaaaaaaaaaaaaahhhhhhh! Thuit Uspaig ann an toll. Ruith S-S as an deidh. Thuit ise sios cuideachd. “O-B! arsa Uspaig.
“Is dè tha sin ma tha?”
“Oh bodraig!” arse esan, “Ho seall sin!”
Bha rabaid ag ithe curran ann an oisean beag ceòmhor. Bha iad fo an talamh!
BOOM! BOOM! BOOM! BOOM!
Chrith an talamh. Thàinig rabaid mhòr!
“Hallo!” thuirt an rabaid ann an guth dìomhair, “tha sibh a’ coimhead blasta!”
Thug an rabaid iad gu teampall mhòr agus gu cidsin mhòr mhòr! Bha iad ceangailte gu post fiodh. Ruith an rabaid air falbh airson salann agus peabar.
“Shhhhh” thainig guth bheag. Chunnaic iad luchag bheag. Thòisich an luchag a’ creim air an ròp.
“S’e luchag a th’annam” thuirt an luchag, “cha chaomh le duine Hutch.”
“Feumaidh tu fagail an diog seo, neo ithidh e thu”.
“Ok”, ars Uspaig, “ach tha thusa a’ tighinn!”
“Ceart ach dè an t-ainm a th’ort?” ars an luchag.
“Is mise Uspaig agus ise S-S.”
“Hallo ma tha agus càite bheil do bhàta?” ars Luchag.
“Ann an sin” thuirt S-S, a cuir a corrag air a’ bhàta.
“STAD!” dh’ eigh Hutch. “Chan eil sibh a’ dol a dh’àite sam bith.”
“Gluais do mhàs Hutch!” dh’eigh luchag. Bhìd luchag màs Hutch agus leum iad air a’ bhàta.
As deigh na saor làithean bha stòraidh mhath aca. Rinn iad toll ann an rùm Uspaig airson luchag.
Third Place - Alasdair Domhnallach
Na broinn bha rudeigin a’ dealradh, stad Uspaig air a chasan. Dh’ fheuch e ri a bheul a fhosgladh, ach bha e na bhoil! An uair sin cha robh sgeul air an rud a bha a’ dealradh is air a bheulaibh bha seòmar fada le lar marbal. Bha fichead uinneag air gach taobh ach bha solas a’ tighinn trompa ged a bha e dorcha a-muigh.
“Seall” dh’ eigh Uspaig ‘se a’ coimhead gu cul an t-seomair.
“De?” fhreagair S-S ‘s i a’ feuchainn ri faicinn dè bh’ ann.
“Chan eil clù agam S-S. Tiugainn!” thuirt Uspaig ri S-S. Thoisich Uspaig a’ ruith sios an seomar leis a ghruag a’ gluasad mun cuairt. Lean S-S e, ach cha robh ise cho dealasach.
Nuair a rainig i Uspaig bha droch aodann air. Bha e dearg is bha na suilean aige beag.
“De tha cearr Uspaig?” dh’ fhaighneachd S-S.
“Seall thuirt e ‘s e a’ cumail a chinn sios. Choimhead S-S air an rud. Se bogsa beag or le seudan dearga is purpaidh a bh’ann. Bha e car salch le eige no dha, bha dealbh bheag de dhuine a’ dannsa air. Bha na faclan ‘Dolta mes Dominu’ sgriobhte air a mhullach.
“Fosgail e Uspaig,” arsa S-S
Choimhead Uspaig suas bha aodann a-nis cho geal ri sneachd. Ghnog e a cheann. Chuir e làmh a-mach, bha e na chrith. Chuir e a lamh air a bhogsa is thuit e don lar! Bha e samhach. Leum S-S air ais, a lamh air a beul.
“Uspaig?” dh’ fhaighneachd i le dochas gun dusgadh, e le gaire air aodann, ach bha fios aice de bha air tachairt. Bha torr mor dealan air a dhol tron chorp aig Uspaig, is bha e a-nist gun mhothachadh. Rinn S-S suas a h-inntin, bha fhios aice de bha ri dheanamh.
* * *
Dh’ fhosgail Uspaig a shuilean, cha robh sian a dh’ fhios aige de thachair. Bha e ann an rum mor geal le torr inealan le aireamhan orra. Bha uinneag fosgailte ri taobh na leabaidh, agus seithear dubh le nighean a’ suidhe orra. Se S-S a bh’ann.
“Hallo, Uspaig ciamar a tha thu a’ faireachdainn?” dh’ fhaidheachd S-S
“Ceart gu leor, a-nis. Dè thachair S-S?”
“ Uill nuair a chuir thu corag air a bhogsa chaidh dealan don chorp agad. Se seann bogsa electricach a bh’ann bhon Roimh. Bha na faclan a’ ciallachadh – ‘Do Not Touch’ dh’ fhaighneachd mi fear de na poileas.”
“Ach carson a bha e s’a chaisteal?” thuirt Uspaig
Fhreagair S-S “ A bheil cuine agad mar a bha solas a’ tighinn bhon na uinneagan ged a bha e dorcha, uill se teicneolas ur a bh’ann agus bha an t-solas a’ tighinn bhon bhogsa!”
“Abair turas!” thuirt Uspaig
“Aidh, ach an ath bhliadhna tha mise a’ taghadh!” thuirt S-S is thòisich iad a’ gaireachdainn!